Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 8:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cha teagaisg iad gach aon a choimhearsnach, agus gach aon a bhràthair, ag ràdh, Gabh eòlas air an Tighearna: oir bidh eòlas aca uile orm, on neach as lugha gus an neach as mò dhiubh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus thusa, a Sholaimh, a mhic, biodh aithne agad air Dia d’athar, agus dèan seirbhis dha le cridhe iomlan, agus le inntinn thoilich: oir tha an Tighearna a’ rannsachadh nan uile chridheachan, agus a’ tuigsinn uile dhealbhadh nan smuain: ma dh’iarras tusa esan, gheibhear e leat; ach ma thrèigeas tu e, tilgidh e uaithe thu gu bràth.

Agus labhair Heseciah gu coibhneil ris na Lèbhithich uile, a theagaisg eòlas math an Tighearna; agus dh’ith iad air an fhèill rè seachd làithean, ag ìobradh ìobairtean-sìth, agus a’ cliùthachadh an Tighearna, Dia an athraichean.

Agus suidhich thusa, Esra, a rèir gliocas do Dhè, a tha ann ad làimh, uachdarain agus britheamhan, a bheir breith air an t‑sluagh uile a tha air an taobh thall den abhainn, orrasan uile don aithne laghan do Dhè; agus teagaisgibh iadsan do nach aithne iad.

Agus thèid mòran shlògh, agus their iad, Thigibh, agus rachamaid suas gu sliabh an Tighearna, gu taigh Dhè Iàcoib; agus teagaisgidh e sinn ma shlighean, agus imichidh sinn na cheuman; oir o Shion thèid an lagh a‑mach, agus facal an Tighearna o Ierusalem.

Agus bidh do chlann uile air an teagasg leis an Tighearna; agus is mòr a bhios sìth do chloinne.

Agus bheir mi dhaibh cridhe gum aithneachadh, gur mi an Tighearna; agus bidh iad dhòmhsa nan sluagh, agus bidh mise dhaibhsan am Dhia; oir tillidh iad am ionnsaigh len uile chridhe.

Agus cha teagaisg iad nas mò gach aon a choimhearsnach, agus gach aon a bhràthair, ag ràdh, Gabhaibh eòlas air an Tighearna; oir bidh eòlas aca ormsa uile, on neach as lugha, gus an neach as mò dhiubh, deir an Tighearna: oir maithidh mise an aingidheachd, agus cha chuimhnich mi nas mò an cionta.

An sin thàinig am fagas uile cheannardan an fheachd, agus Iohanan mac Chareh, agus Iesaniah mac Hosaiah, agus an sluagh gu h‑iomlan, on bheag gus a’ mhòr;

An sin ghairm e Iohanan mac Chareah, agus uile cheannardan an fheachd a bha maille ris, agus an sluagh uile, on bheag gus a’ mhòr.

Agus gabhaidh mi fuidheall Iùdah, a chuir an aghaidh ri dol do thìr na h‑Eiphit gu fantainn ar chuairt an sin, agus caithear iad uile ann an tìr na h‑Eiphit; tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, caithear iad leis a’ ghort; on bheag gus a’ mhòr, bàsaichidh iad leis a’ chlaidheamh agus leis a’ ghort; agus bidh iad nam mallachadh, agus nan uamhas, agus nam mallachd, agus nam masladh.

Oir on aon as lugha gus an aon as mò dhiubh, tha gach neach ga thoirt fhèin suas da ana-miannan; agus on fhàidh fòs gus an sagart, tha gach aon a’ gnàthachadh ceilge.

Mar seo aithnichidh iad gu bheil mise an Tighearna Dia maille riu, agus gur iadsan, taigh Israeil, mo shluagh, deir an Tighearna Dia.

Gu cinnteach lìonar an talamh le eòlas glòir an Tighearna, mar a tha na h‑uisgeachan a’ còmhdachadh na fairge.

Tha e sgrìobhte anns na fàidhean, Agus bidh iad uile air an teagasg o Dhia. Uime sin gach neach a chuala, agus a dh’fhòghlaim on Athair, thig e am ionnsaigh-sa.

Dhàsan thug iad uile aire on bheag gus a’ mhòr, ag ràdh, Is e an duine seo cumhachd mòr Dhè.

Ach tha an t‑ungadh a fhuair sibh uaithesan a’ fantainn annaibh: agus chan eil feum agaibh gun teagaisgeadh aon neach air bith sibh: ach, mar a tha an t‑ungadh seo fhèin gur teagasg mu thimcheall nan uile nithean, agus a tha e fìor, agus nach breug e, eadhon mar a theagaisg e sibh, fanaibh ann.

Agus tha fhios againn gun tàinig Mac Dhè, agus gun tug e tuigse dhuinn, a‑chum gum biodh aithne againn airsan a tha fìor: agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac Iosa Crìosd. Is e seo an Dia fìor, agus a’ bheatha mhaireannach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan