Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 7:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gun ag sam bith, beannaichear an tì as lugha leis an tì as fheàrr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Is iad sin uile dà‑threubh-dheug Israeil: agus is e seo an nì a labhair an athair riu, agus bheannaich e iad; gach aon aca a rèir a bheannachaidh, bheannaich e iad.

Agus thill Daibhidh a bheannachadh a theaghlaich: agus thàinig Michal nighean Shauil a‑mach an coinneamh Dhaibhidh, agus thubhairt i, Cia urramach a bha rìgh Israeil an‑diugh, a rùisg e fhèin an‑diugh ann an sùilean banoglaich a sheirbhiseach, mar a rùisgeas aon de na daoine aotrom e fhèin!

Agus sheas e, agus bheannaich e uile choitheanal Israeil, le guth mòr ag ràdh,

An sin dh’èirich na sagartan agus na Lèbhithich, agus bheannaich iad an sluagh: agus chuala Dia an guth, agus thàinig an ùrnaigh suas da àite-còmhnaidh naomh-san, do nèamh.

Gràs an Tighearna Iosa Crìosd, agus gràdh Dhè, agus co‑chomann an Spioraid Naoimh, gu robh maille ribh uile. Amen.

Cluinnibh, O nèamhan, agus labhraidh mi; agus èisdeadh an talamh ri briathran mo bheòil.

Agus gun amharas is mòr rùn-diamhair na diadhachd: dh’fhoillsicheadh Dia anns an fheòil, dh’fhìreanaicheadh e anns an Spiorad, chunnacas le ainglean e, shearmonaicheadh e do na Cinnich, chreideadh ann air an t‑saoghal, ghabhadh suas e a‑chum glòire.

Ach an tì nach eil air a shloinneadh uapasan, fhuair e deicheamh o Abrahàm, agus bheannaich e esan aig an robh na geallaidhean.

Agus an seo tha daoine a gheibh bàs a’ faotainn deichimh: ach an sin an tì aig a bheil fianais gu bheil e beò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan