Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 7:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis thugaibh an aire cia mòr an duine seo, don tug eadhon am prìomh-athair Abrahàm an deicheamh den chreich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus nì mi thu ad chinneach mòr, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi d’ainm mòr: agus bidh tu ad bheannachadh.

Agus beannaichte gu robh an Dia as ro‑àirde, a thug thairis do naimhdean dod làimh. Agus thug e dha deicheamh de gach nì.

Fheara agus a bhràithrean, leigibh leam labhairt gu dàna ribh mun phrìomh-athair Daibhidh, araon gun d’fhuair e bàs, agus gun d’adhlaiceadh e, agus gu bheil a uaigh maille rinn gus an là‑an‑diugh.

Agus choileanadh an sgriobtar a tha ag ràdh, Chreid Abrahàm Dia, agus mheasadh sin dha mar fhìreantachd: agus ghoireadh caraid Dhè dheth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan