Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 7:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nach feum gach là mar na h‑àrd-shagartan ud ìobairtean a thoirt suas, air tùs airson a pheacaidhean fhèin, agus an dèidh sin airson peacaidhean an t‑sluaigh: oir rinn e seo aon uair, anns an àm anns an tug e e fhèin mar ìobairt.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus bheir thu do na sagartan, na Lèbhithich, a tha de shliochd Shadoic, a thig dlùth dhòmhsa a‑chum frithealadh dhomh, tha an Tighearna Dia ag ràdh, tarbh òg mar thabhartas-peacaidh.

Agus bheir Aaron leis tarbh na h‑ìobairt-pheacaidh, a bhios air a shon fhèin, agus nì e rèite air a shon fhèin, agus airson a thaighe: agus marbhaidh e tarbh na h‑ìobairt-pheacaidh, a bhios air a shon fhèin.

An sin marbhaidh e boc-goibhre na h‑ìobairt-pheacaidh a bhios airson an t‑sluaigh, agus bheir e a fhuil an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, agus nì e ra fhuil-san mar a rinn e ri fuil an tairbh, agus crathaidh e i air a’ chathair-thròcair, agus fa chomhair na cathair-thròcair.

Agus bheir Aaron seachad tarbh na h‑ìobairt-pheacaidh a bhios air a shon fhèin: agus nì e rèite air a shon fhèin, agus airson a thaighe.

Oir a mheud is gun d’fhuair e bàs, is ann don pheacadh a fhuair e bàs aon uair a‑mhàin: ach a mheud is gu bheil e beò, is ann do Dhia a tha e beò.

Anns a bheil sibhse mar an ceudna air ur co‑thogail suas a‑chum a bhith nur taigh-còmhnaidh do Dhia tre an Spiorad.

Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh-fhàile do Dhia.

A thug e fhèin air ar son, a‑chum gun saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e dha fhèin sluagh sònraichte, eudmhor mu dheagh obraichean.

Oir tha gach uile àrd-shagart, air a thoirt o mheasg dhaoine, air òrdachadh airson dhaoine ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum gun toir e suas araon tìodhlacan agus ìobairtean airson pheacaidhean:

Agus air a shon seo, is còir dha ìobradh airson pheacaidhean, mar as leth an t‑sluaigh, is amhail sin as a leth fhèin mar an ceudna.

Oir nam biodh e air thalamh, cha bhitheadh e na shagart, do bhrìgh gu bheil sagartan ann a tha a’ tabhairt suas thìodhlac a rèir an lagha:

Agus cha b’ann tre fhuil ghobhar agus laogh, ach tre a fhuil fhèin a chaidh e a‑steach aon uair don ionad naomh, air dha saorsa shìorraidh fhaotainn dhuinne.

Cia mòr as mò a nì fuil Chrìosd, a thug e fhèin suas tre an Spiorad shìorraidh gun lochd do Dhia, ur cogais-se a ghlanadh o obraichean marbha a‑chum seirbhis a dhèanamh don Dia bheò?

No fòs a‑chum e fhèin ìobradh gu minig, mar a thèid an t‑àrd-shagart gach bliadhna a‑steach don ionad naomh, le fuil nach leis fhèin;

(Oir mar sin b’èiginn gum fuilingeadh e gu minig o thoiseach an t‑saoghail); ach a‑nis dh’fhoillsicheadh e aon uair ann an deireadh an t‑saoghail, a‑chum peacadh a chur air cùl trìd e fhèin ìobradh.

Mar sin thugadh Crìosd suas aon uair a thoirt air falbh peacaidhean mhòran; ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhaibh-san aig a bheil sùil ris, a‑chum slàinte.

Ach don dara pàillean chaidh an t‑àrd-shagart na aonar a‑steach aon uair anns a’ bhliadhna, cha b’ann as eugmhais fala, a thug e suas air a shon fhèin, agus airson seachran an t‑sluaigh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan