Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 7:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir bha a shamhail sin de Àrd-shagart iomchaidh dhuinne, a bha naomh, neo-lochdach, neo-thruaillidh, air a dhealachadh o pheacaich, agus a rinneadh nas àirde na na nèamhan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

39 Iomraidhean Croise  

Chaidh thu suas air ionad àrd, thug thu bruid ann am braighdeanas; thug thu tìodhlacan do dhaoine, seadh, eadhon do dhaoine ceannairceach, a‑chum gun gabhadh an Tighearna còmhnaidh nam measg.

Agus nì thu leac de òr fìorghlan, agus gearraidh tu oirre, cosmhail ri gearradh seula, NAOMHACHD DON TIGHEARNA.

Agus dh’òrdaicheadh a uaigh maille ris na h‑aingidh, agus maille ri duine saoibhir na bhàs; airson nach do rinn e eucoir, agus nach robh cealg na bheul.

Agus air an là anns an tèid e a‑steach don ionad naomh, don chùirt a‑staigh, gu frithealadh anns an ionad naomh, bheir e seachad a thabhartas-peacaidh, deir an Tighearna Dia.

Agus air a chòigeamh là naoi tairbh, dà reithe, agus ceithir-uain-deug den chiad bhliadhna gun ghaoid:

Oir bha fhios aige gum b’ann o fharmad a thug iad thairis e.

Mar sin, an dèidh don Tighearna labhairt riu, ghabhadh suas gu nèamh e, agus shuidh e air deas-làimh Dhè.

Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e rithe, Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Tì as àirde sgàil ort: uime sin an nì naomh sin a bheirear leat, goirear Mac Dhè dheth.

Agus thubhairt e riu an treas uair, Carson? Ciod an cron a rinn e? Cha d’fhuair mise cùis bhàis air bith ann: uime sin, an dèidh dhomh a smachdachadh, leigidh mi as e.

Agus sinne da‑rìribh ann an ceartas; oir tha sinn a’ faotainn nan nithean sin a thoill ar gnìomharan: ach cha do rinn an duine seo cron air bith.

A‑nis nuair a chunnaic an ceannard-ceud an nì a rinneadh, thug e glòir do Dhia, ag ràdh, Gu fìrinneach b’ionracan an duine seo.

Nach b’èiginn do Chrìosd na nithean seo fhulang, agus dol a‑steach da ghlòir?

Agus thubhairt e riu, Mar seo tha e sgrìobhte, agus mar seo b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh o na mairbh air an treas là:

A seo suas cha labhair mi mòran ribh: oir tha uachdaran an t‑saoghail seo a’ teachd, agus chan eil nì air bith aige annamsa.

Agus tha an tì a chuir uaithe mi maille rium: cha d’fhàg an t‑Athair am aonar mi, do bhrìgh gu bheil mi a’ dèanamh a‑ghnàth nan nithean sin as taitneach leis.

Ach dh’àich sibhse an t‑Aon naomh, agus am Fìrean, agus dh’iarr sibh mortair a thìodhlacadh dhuibh;

Oir gu fìrinneach chruinnicheadh an ceann a chèile, an aghaidh do leinibh naoimh Iosa, a dh’ung thu, araon Herod agus Pontius Pilat, maille ris na Cinnich, agus sluagh Israeil,

Oir rinn e esan do nach b’aithne peacadh na ìobairt-pheacaidh air ar son-se; a‑chum gum bitheamaid-ne air ar dèanamh nar fìreantachd Dhè annsan.

Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire-san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas-làimh na mòrachd anns na h‑àrdan:

Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.

Oir b’iomchaidh dhàsan, airson a bheil na h‑uile nithean, agus tre a bheil na h‑uile nithean, ann an tabhairt mòran mhac a‑chum glòire, ceannard an slàinte a dhèanamh foirfe tre fhulangais.

Uime sin b’fheumail dha anns na h‑uile nithean a bhith air a dhèanamh cosmhail ra bhràithrean; a‑chum gum biodh e na àrd-shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum rèite a dhèanamh airson peacaidhean an t‑sluaigh:

Uime sin, a bhràithrean naomha, a tha nur luchd-compàirt den ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near Iosa Crìosd, Abstol agus Àrd-shagart ar n‑aidmheil;

A‑nis nan tigeadh foirfeachd tre shagartachd nan Lèbhitheach (oir is ann ra linn a thugadh an lagh don t‑sluagh), ciod am feum a bha air sagart eile èirigh a rèir òrdagh Mhelchisedeic, agus nach biodh e air a ghairm a rèir òrdagh Aaroin?

A‑nis is e seo suim nan nithean a labhair sinn: tha a shamhail sin de Àrd-shagart againn, a tha a’ suidhe air deis rìgh-chathair na mòrachd anns na nèamhan;

Cia mòr as mò a nì fuil Chrìosd, a thug e fhèin suas tre an Spiorad shìorraidh gun lochd do Dhia, ur cogais-se a ghlanadh o obraichean marbha a‑chum seirbhis a dhèanamh don Dia bheò?

Ach le fuil luachmhoir Chrìosd, mar fhuil Uain gun chron, gun smal:

Neach nach do rinn peacadh, cha mhò a fhuaireadh cealg na bheul:

Neach air dha dol do nèamh, a tha air deaslàimh Dhè, air do ainglean, agus do uachdaranachdan, agus do chumhachdan a bhith air an cur fo a cheannsal.

Agus is esan an ìobairt-rèitich airson ar peacaidhean, agus chan ann airson ar peacaidhean-ne a‑mhàin, ach mar an ceudna airson peacaidhean an t‑saoghail uile.

Agus tha fhios agaibh gun d’fhoillsicheadh esan a‑chum ar peacaidhean a thoirt air falbh; agus chan eil peacadh sam bith annsan.

Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann am Philadelphia, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì naomh ag ràdh, an Tì fìor, an Tì aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Tì a dh’fhosglas, agus cha dùin neach air bith; agus a dhùineas, agus chan fhosgail neach air bith:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan