Eabhraidhich 7:25Am Bìoball Gàidhlig 1992Air an adhbhar sin, tha e mar an ceudna comasach air an dream a thig a dh’ionnsaigh Dhè trìdsan a thèarnadh gu h‑iomlan, do bhrìgh gu bheil e beò gu sìorraidh gu eadar-ghuidhe a dhèanamh air an son. Faic an caibideil |
Air an adhbhar sin, roinnidh mi dha cuibhreann maille ris a’ mhòran, agus roinnidh e a’ chreach maille ris na cumhachdaich; a chionn gun do dhòirt e a‑mach a anam gu bàs; agus gu robh e air àireamh am measg nan ciontach; agus ghiùlain e peacadh mhòrain, agus rinn e eadar-ghuidhe airson nan ciontach.
A‑nis ma bhios sibh deas, ge bè air bith àm anns an cluinn sibh fuaim na trompaid, an fheadain, na clàrsaich, sacbuit, saltair, agus dulsimeir, agus gach uile sheòrsa ciùil, gu sleuchdadh sìos, agus adhradh a dhèanamh don ìomhaigh a rinn mise, is math: ach mura dèan sibh adhradh, tilgear sibh, anns a’ cheart uair sin, ann am buillsgean àmhainn theinntich, dhian-loisgich; agus cò an Dia sin as urrainn ur tèarnadh as mo làmhan-sa?
Uime sin tha mise a’ toirt teann òrdaigh gum bi gach sluagh, cinneach, agus teanga, a labhras nì sam bith air dhochair an aghaidh Dia Shadraich, Mhesaich, agus Abed-nego, air an gearradh nam bloighdean, agus an taighean air an dèanamh nan dùn aolaich, a chionn nach eil Dia air bith eile ann as urrainn tèarnadh air an dòigh seo.
O Thighearna, a rèir d’uile fhìreantachd, guidheam ort, leig led chorraich agus led fheirg tilleadh air falbh od chathair Ierusalem, do shliabh naomh: a chionn, airson ar lochdan, agus airson aingidheachdan ar n‑athraichean, gu bheil Ierusalem agus do shluagh nam masladh do na h‑uile mun cuairt dhuinn.