Bidh mise am urras air a shon; om làimh-sa iarraidh tu e: mura toir mise ad ionnsaigh, agus mura cuir mi ad làthair e, an sin biodh a’ choire gu bràth orm:
Oir chaidh do sheirbhiseach an urras airson an leinibh dom athair, ag ràdh, Mura toir mi ad ionnsaigh e, an sin bidh mi fo choire aig m’athair gu bràth.
Mar ghòbhlan-gaoithe no mar chòrr, rinn mi cànran; rinn mi caoidh mar chalaman: tha mo shùilean air fàilneachadh le sealltainn suas. O Thighearna, tha mi air mo shàrachadh; bi thusa ad urras dhomh.
Agus daingnichidh esan an coicheangal ri mòran car aon seachdain: agus ann am meadhon na seachdain bheir e air an ìobairt agus air an tabhartas sgur; agus anns an teampall bidh gràinealachd an lèirsgrios, gus an coileanar an sgrios a dh’òrdaicheadh air a làraich fhàsail.
Agus air a’ mhodh cheudna an cupan, an dèidh na suipeir, ag ràdh, Is e an cupan seo an coicheangal nuadh ann am fhuil-sa: dèanaibh-se seo, cia minig is a dh’òlas sibh e, mar chuimhneachan ormsa.
Am feadh a tha e ag ràdh, Coicheangal nuadh, rinn e an ciad choicheangal sean. A‑nis an nì a tha aosda agus air fàs sean, tha e fagas do dhol as an t‑sealladh.