Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 7:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Don tug Abrahàm eadhon deicheamh den uile: neach as e air tùs, air eadar-theangachadh, rìgh na fìreantachd, agus na dhèidh sin mar an ceudna, rìgh Shàleim, is e sin rìgh na sìthe;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus bidh a’ chlach seo, a chuir mi suas na carragh, na taigh aig Dia: agus de gach nì a bheir thu dhomh, bheir mi gu cinnteach an deicheamh dhut.

Thubhairt Dia Israeil, labhair carraig Israeil riumsa: Bidh esan a riaghlas os cionn dhaoine cearta a’ riaghladh ann an eagal Dhè:

Agus rìghich Daibhidh air Israel uile; agus rinn Daibhidh breitheanas agus ceartas da shluagh uile.

Feuch, beirear mac dhut: bidh esan na dhuine foistinneach, agus bheir mise fois dha o a naimhdean uile mun cuairt; oir bidh Solamh mar ainm air, agus sìth agus suaimhneas bheir mise do Israel ra linn-san.

Na làithean-san soirbhichidh leis an fhìrean, agus bidh pailteas sìth ann, gus nach bi a’ ghealach ann nas mò.

Agus a‑thaobh uile dheicheamh a’ chruidh, no an treuda, eadhon gach nì air bith a dh’imicheas fon t‑slait; bidh an deicheamh dheth naomh don Tighearna.

Agus bidh esan na shìth. Nuair a thig an t‑Asirianach dar tìr, agus a shaltras e nar lùchairtean, an sin togaidh sinn na aghaidh seachd buachaillean, agus ochd cinn-fheadhna sluaigh.

Agus, feuch, do chloinn Lèbhi thug mi an deicheamh uile ann an Israel mar oighreachd, airson an seirbhis a nì iad, eadhon seirbhis pàillean a’ choitheanail.

Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar-theangachadh, Dia maille rinn.)

Glòir do Dhia anns na h‑àrdan, agus air talamh sìth, deagh-ghean do dhaoine.

A dh’fhoillseachadh, tha mi ag ràdh, a fhìreantachd-san anns an àm a tha an làthair; a‑chum gum biodh e cothromach, agus gum fìreanaicheadh e an tì a chreideas ann an Iosa.

Oir b’e am Melchisedec seo rìgh Shàleim, sagart an Dè as ro‑àirde, neach a choinnich Abrahàm a’ tilleadh o àr nan rìghrean, agus a bheannaich e;

Gun athair, gun mhàthair, gun sinnsireachd, gun toiseach làithean, gun deireadh beatha aige; ach air a dhèanamh cosmhail ri Mac Dhè, tha e a’ fantainn na shagart gu sìorraidh.

Agus gabhaidh e an deicheamh de ur sìol, agus de ur fìonliosan, agus bheir e da luchd-dreuchd e, agus da òglaich.

Gabhaidh e an deicheamh de ur caoraich: agus bidh sibh nur seirbhisich aige.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan