Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 7:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A rinneadh na shagart, chan ann a rèir lagh àithne fheòlmhoir, ach a rèir cumhachd beatha gun chrìoch.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Oir tha fhios againn gu bheil an lagh spioradail: ach tha mise feòlmhor, air mo reic fon pheacadh.

Agus mar an ceudna sinne, nuair a bha sinn nar leanaban, bha sinn ann an daorsa fo chiad fhòghlam an t‑saoghail:

Ach a‑nis air dhuibh Dia aithneachadh, no mar as fheàrr a dh’fhaodar a ràdh, a bhith air ur n‑aithneachadh le Dia, cionnas a tha sibh ag ath-thilleadh a‑chum nan ciad-thoiseach anfhann agus bochd, dom miann leibh a bhith a‑rìs fo dhaorsa?

A’ dubhadh a‑mach làmh-sgrìobhadh nan òrdaighean dar taobh-ne, a bha nar n‑aghaidh, agus thug e as an t‑slighe i, air dha a sparradh ri a chrann-ceusaidh-san:

Uime sin ma fhuair sibh bàs maille ri Crìosd o chiad-thoiseachan an t‑saoghail, carson, mar dhaoine a tha beò anns an t‑saoghal, a tha sibh fo òrdaighean,

Uime sin, air a bhith aig an lagh sgàil nithean matha ri teachd, agus chan e fìor-choslas nan nithean fhèin, chan eil e comasach dha an dream a thig da ionnsaigh a‑chaoidh a dhèanamh coileanta leis na h‑ìobairtean sin a bha iad a’ toirt suas o bhliadhna gu bliadhna a‑ghnàth:

Agus tha e fhathast nas ro‑shoilleire, a mheud gun d’èirich sagart eile a rèir coslas Mhelchisedeic,

Oir tha e a’ dèanamh fianais gur sagart thu gach linn a rèir òrdagh Mhelchisedeic.

(Oir rinneadh sagartan dhiubh-san as eugmhais mhionnan: ach dhethsan le mionnan, tre an tì a thubhairt ris, Mhionnaich an Tighearna, agus cha ghabh e aithreachas, Is sagart thu gu sìorraidh, a rèir òrdagh Mhelchisedeic;)

Oir tha an lagh a’ dèanamh àrd-shagartan de dhaoine aig a bheil anfhainneachd; ach facal nam mionnan a bha an dèidh an lagha, a’ dèanamh Àrd-shagairt den Mhac, a tha air a dhèanamh iomlan gu sìorraidh.

Gun athair, gun mhàthair, gun sinnsireachd, gun toiseach làithean, gun deireadh beatha aige; ach air a dhèanamh cosmhail ri Mac Dhè, tha e a’ fantainn na shagart gu sìorraidh.

Cia mòr as mò a nì fuil Chrìosd, a thug e fhèin suas tre an Spiorad shìorraidh gun lochd do Dhia, ur cogais-se a ghlanadh o obraichean marbha a‑chum seirbhis a dhèanamh don Dia bheò?

Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis agam.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan