Gu bhith nan cuimhneachan do chloinn Israeil, air chor is nach tig coigreach, nach eil de shliochd Aaroin, am fagas a losgadh tùis an làthair an Tighearna; a‑chum is nach bi e mar Chorah, agus mar a chuideachd; mar a thubhairt an Tighearna ris le làimh Mhaois.
Agus tàrlaidh, gun tig slat an duine a thaghas mise fo bhlàth; agus bheir mi air gearain chloinn Israeil sgur uam, leis a bheil iad ri gearan nur n‑aghaidh-se.
A‑nis nan tigeadh foirfeachd tre shagartachd nan Lèbhitheach (oir is ann ra linn a thugadh an lagh don t‑sluagh), ciod am feum a bha air sagart eile èirigh a rèir òrdagh Mhelchisedeic, agus nach biodh e air a ghairm a rèir òrdagh Aaroin?