An sin cuimhnichidh tu do shlighe, agus bidh nàire ort, nuair a ghabhas tu do pheathraichean, do phiuthar as sine agus as òige: agus bheir mise dhut iad mar nigheanan, ach chan ann airson do choicheangail-sa.
A‑nis nan tigeadh foirfeachd tre shagartachd nan Lèbhitheach (oir is ann ra linn a thugadh an lagh don t‑sluagh), ciod am feum a bha air sagart eile èirigh a rèir òrdagh Mhelchisedeic, agus nach biodh e air a ghairm a rèir òrdagh Aaroin?
An t‑seirbhis a bha a‑mhàin ann am biadhan agus ann an deochan, agus ann an iomadh gnè ionnlaid, agus deas-ghnàthan a‑thaobh na feòla, a chuireadh mar uallaich orra gu àm an leasachaidh.