Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 7:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis nan tigeadh foirfeachd tre shagartachd nan Lèbhitheach (oir is ann ra linn a thugadh an lagh don t‑sluagh), ciod am feum a bha air sagart eile èirigh a rèir òrdagh Mhelchisedeic, agus nach biodh e air a ghairm a rèir òrdagh Aaroin?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Chan eil mi a’ cur gràs Dhè an neo-bhrìgh: oir ma tha fìreantachd tre an lagh, is ann gun adhbhar a fhuair Crìosd bàs.

Agus mar an ceudna sinne, nuair a bha sinn nar leanaban, bha sinn ann an daorsa fo chiad fhòghlam an t‑saoghail:

Ach a‑nis air dhuibh Dia aithneachadh, no mar as fheàrr a dh’fhaodar a ràdh, a bhith air ur n‑aithneachadh le Dia, cionnas a tha sibh ag ath-thilleadh a‑chum nan ciad-thoiseach anfhann agus bochd, dom miann leibh a bhith a‑rìs fo dhaorsa?

Air a ghairm le Dia na Ard-shagart a rèir òrdagh Mhelchisedeic;

A rèir mar a tha e ag ràdh mar an ceudna ann an ionad eile, Is sagart thu gu sìorraidh a rèir òrdagh Mhelchisedeic.

Far an deachaidh an ro‑ruith-fhear a‑steach air ar son-ne, eadhon Iosa, a rinneadh na Ard-shagart gu sìorraidh a rèir òrdagh Mhelchisedeic.

Oir bha e fhathast ann an leasraidh a athar, nuair a choinnich Melchisedec e.

Oir air don t‑sagartachd a bhith air a h‑atharrachadh, is èiginn an lagh a bhith air atharrachadh mar an ceudna.

Oir an tì air an labhrar na nithean sin, buinidh e do threubh eile, de nach do rinn aon neach frithealadh aig an altair.

Agus tha e fhathast nas ro‑shoilleire, a mheud gun d’èirich sagart eile a rèir coslas Mhelchisedeic,

(Oir rinneadh sagartan dhiubh-san as eugmhais mhionnan: ach dhethsan le mionnan, tre an tì a thubhairt ris, Mhionnaich an Tighearna, agus cha ghabh e aithreachas, Is sagart thu gu sìorraidh, a rèir òrdagh Mhelchisedeic;)

Oir nam biodh an ciad choicheangal sin gun uireasbhaidh, chan iarrte àite don dara coicheangal.

A‑nis nuair a bha na nithean seo air an cur an òrdagh mar seo, chaidh na sagartan a‑ghnàth a‑steach don chiad phàillean, a’ coileanadh seirbhis Dhè:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan