Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 7:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir bha e fhathast ann an leasraidh a athar, nuair a choinnich Melchisedec e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Dia ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; bi sìolmhor agus fàs lìonmhor: thig cinneach agus coitheanal chinneach uat, agus thig rìghrean a‑mach as do leasraidh.

Na h‑anaman uile a thàinig le Iàcob don Eiphit, a thàinig a‑mach as a leasraidh, a thuilleadh air mnathan mic Iàcoib; b’iad na h‑anaman seo uile trì-fichead is a sia;

Gidheadh, cha tog thusa an taigh, ach do mhac a thig a‑mach as do leasraidh, togaidh esan an taigh dom ainm-sa.

A rèir mar a tha e ag ràdh mar an ceudna ann an ionad eile, Is sagart thu gu sìorraidh a rèir òrdagh Mhelchisedeic.

A‑nis nan tigeadh foirfeachd tre shagartachd nan Lèbhitheach (oir is ann ra linn a thugadh an lagh don t‑sluagh), ciod am feum a bha air sagart eile èirigh a rèir òrdagh Mhelchisedeic, agus nach biodh e air a ghairm a rèir òrdagh Aaroin?

Agus gu deimhinn iadsan de chloinn Lèbhi, a tha a’ faotainn na sagartachd, tha àithne aca deicheamh a thogail on t‑sluagh a rèir an lagha, sin ri ràdh, om bràithrean fhèin, ged thàinig iad a‑mach à leasraidh Abrahàim:

Agus mar a dh’fhaodas mi a ràdh, fhuaireadh ann an Abrahàm deicheamh o Lèbhi fhèin, a thogas an deicheamh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan