Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 7:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir b’e am Melchisedec seo rìgh Shàleim, sagart an Dè as ro‑àirde, neach a choinnich Abrahàm a’ tilleadh o àr nan rìghrean, agus a bheannaich e;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Eighidh mi ris an Dia as àirde, ri Dia a choileanas nithean air mo shon.

Agus ann an Sàlem tha a phàillean, agus a ionad-còmhnaidh ann an Sion.

Agus chuimhnich iad gum b’e Dia an carraig, agus an Dia as àirde am fear-saoraidh.

Gidheadh bhuair agus bhrosnaich iad an Dia as àirde, agus cha do ghlèidh iad a theisteas.

Chunnacas ceart dhòmhsa gun cuirinn an cèill na comharraidhean agus na mìorbhailean a dh’obraich an t‑àrd Dhia dom thaobh.

O thusa a rìgh, thug an Dia as àirde do Nebuchadnesar d’athair rìoghachd, agus mòrachd, agus glòir, agus onair.

Agus dh’fhògradh e o chloinn nan daoine, agus bha a chridhe mar na h‑ainmhidhean, agus a chòmhnaidh leis na h‑asail fhiadhaich: bhiadh iad e le feur mar dhaimh, agus bha a chorp fliuch le drùchd nèimh, gus an d’aithnich e gum b’e an Dia as àirde a bha a’ riaghladh ann an rìoghachd dhaoine, agus gu bheil e ag òrdachadh os a cionn an tì as àill leis.

Ciod leis an tig mi ann am fianais an Tighearna; leis an strìochd mi mi fhèin an làthair an Dè as àirde? An tig mi na fhianais le ìobairtean-loisgte; le laoigh a bhios bliadhna a dh’aois?

Agus ghlaodh e le guth mòr, agus thubhairt e, Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Tha mi a’ cur ort à uchd Dhè, gun mo phianadh.

Lean ise Pòl agus sinne, agus ghlaodh i, ag ràdh, Is iad na daoine seo seirbhisich an Dè as ro‑àirde, a tha a’ nochdadh dhuinne slighe na slàinte.

Far an deachaidh an ro‑ruith-fhear a‑steach air ar son-ne, eadhon Iosa, a rinneadh na Ard-shagart gu sìorraidh a rèir òrdagh Mhelchisedeic.

Don tug Abrahàm eadhon deicheamh den uile: neach as e air tùs, air eadar-theangachadh, rìgh na fìreantachd, agus na dhèidh sin mar an ceudna, rìgh Shàleim, is e sin rìgh na sìthe;

Gun athair, gun mhàthair, gun sinnsireachd, gun toiseach làithean, gun deireadh beatha aige; ach air a dhèanamh cosmhail ri Mac Dhè, tha e a’ fantainn na shagart gu sìorraidh.

Ach an tì nach eil air a shloinneadh uapasan, fhuair e deicheamh o Abrahàm, agus bheannaich e esan aig an robh na geallaidhean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan