Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.
Agus nuair a chuala iad na nithean seo, thosd iad, agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Thug Dia mas eadh mar an ceudna do na Cinnich aithreachas a‑chum na beatha.
A‑rìs, a bheil sibh a’ saoilsinn gu bheil sinne a’ gabhail ar leisgeil ribh? Tha sinn a’ labhairt am fianais Dhè ann an Crìosd: ach tha an t‑iomlan, a chàirdean, a‑chum ur fòghlaim-se.
Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, air dhuinn na geallaidhean seo a bhith againn, glanamaid sinn fhèin o gach uile shalchar feòla agus spioraid, a’ coileanadh naomhachd ann an eagal Dhè.
Oir ann an Iosa Crìosd, chan eil èifeachd sam bith ann an timcheall-ghearradh, no ann an neo-thimcheall-ghearradh, ach ann an creideamh a dh’obraicheas tre ghràdh.
Oir bha co‑fhulangas agaibh riumsa ann am ghèimhlean, agus ghabh sibh le luathghair ri creachadh ur maoin, air dhuibh fios a bhith agaibh annaibh fhèin gu bheil agaibh air nèamh maoin as fheàrr, agus a tha maireannach.
Cionnas a thèid sinne as, ma nì sinn dìmeas air slàinte cho mòr, a thòisich air tùs air a bhith air a labhairt leis an Tighearna, agus a rinneadh dearbhte dhuinne leòsan a chuala e;
Oir chan eil Dia mì‑chothromach, gun dìochuimhnicheadh e obair agus saothair ur gràidh, a nochd sibh a‑thaobh a ainme-san, am feadh is gun do rinn sibh frithealadh do na naoimh, agus gu bheil sibh a’ frithealadh.
An dara litir seo, a mhuinntir mo ghràidh, tha mi a’ sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh a‑nis; annta le chèile tha mi a’ brosnachadh ur n‑inntinn fhìorghlain le ur cur an cuimhne:
A bhràithrean, chan eil mi a’ sgrìobhadh àithne nuaidh dur n‑ionnsaigh, ach seann àithne, a bha agaibh o thùs: is i an t‑seann àithne am facal a chuala sibh o thùs.
A mhuinntir ionmhainn, air dhomh an uile dhìcheall a dhèanamh a‑chum sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh mu thimcheall na slàinte coitchinn, b’fheumail dhomh sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, gur n‑earalachadh sibh a chathachadh gu dìcheallach airson a’ chreidimh a thugadh aon uair do na naoimh.