Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 6:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach an talamh sin a bheir uaithe droigheann agus drisean, tha e air a chur air cùl, agus fagas do mhallachadh; don deireadh a bhith air a losgadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis tha thu mallaichte on talamh, a dh’fhosgail a bheul a ghabhail fuil do bhràthar od làimh.

Agus thug e Nòah mar ainm air, ag ràdh, Bheir an tì seo fhèin sòlas dhuinne a‑thaobh ar n‑obrach agus saothair ar làmh, a‑thaobh na talmhainn a mhallaich an Tighearna.

Ach am fear a bheanas riu, dìonar e le iarann, agus le crann sleagha; agus le teine loisgear gu tur iad far am fàs iad.

An àite cruithneachd fàsadh droighneach, agus an àite eòrna, feanntagach. Chrìochnaicheadh briathran Iob.

Fearann beartach nì e fàs airson aingidheachd a luchd-àiteachaidh.

Annamsa chan eil dian-chorraich. Cò a chuireadh an droigheann agus an dris am aghaidh anns a’ chath? Rachainn tromhpa, loisginn iad le chèile.

Oir bidh e mar phreas seargte anns an ionad sgaoilte, nach mothaich am math nuair a thig e; ach a tha ag àiteachadh ionadan loisgte an fhàsaich, fearainn gun toradh agus gun chòmhnaidh.

Air chor is nach faodadh an Tighearna giùlan leibh na b’fhaide, airson aingidheachd ur dèanadais, airson nan gràinealachdan a chuir sibh an gnìomh: air an adhbhar sin tha ur fearann na fhàsach, agus na uamhas, agus na mhallachd, gun aon fhear-àiteachaidh, mar air an là‑an‑diugh.

Agus abair ri frìth na h‑àird a deas, Eisd facal an Tighearna: Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, fadaidh mise teine annad, agus loisgidh e gach uile chrann uaine annad, agus gach uile chrann seargte; cha mhùchar an teine lasrach, agus loisgear ann gach uile aghaidh, o dheas gu ruige tuath.

Oir feuch, tha an là a’ teachd, a loisgeas mar àmhainn; agus bidh na h‑uaibhrich uile, seadh, gach neach a tha ri aingidheachd, mar asbhuain: agus loisgidh an là a tha a’ teachd suas iad, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; oir chan fhàg e bun no bàrr dhiubh.

An sin their e mar an ceudna riùsan air an làimh chlì, Imichibh uam, a shluaigh mhallaichte, a dh’ionnsaigh an teine shìorraidh, a dh’ullaicheadh don diabhal agus da ainglean:

Agus a‑nis tha an tuagh air a cur ri freumh nan crann: air an adhbhar sin, ge bè crann nach toir a‑mach toradh math, gearrar sìos e, agus tilgear anns an teine e.

Gach uile chraobh nach giùlain toradh math, gearrar sìos i, agus tilgear anns an teine i.

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, Nar itheadh neach sam bith toradh dhìotsa o seo suas a‑chaoidh. Agus chuala a dheisciobail e.

Agus air cuimhneachadh do Pheadar, thubhairt e ris, A Mhaighistir, feuch, tha a’ chraobh-fhìge, a mhallaich thu, air crìonadh.

Mura fan neach annamsa, tha e air a thilgeadh a‑mach mar ghèig, agus air crìonadh; agus tionailidh daoine iad, agus tilgidh iad anns an teine iad, agus loisgear iad.

Agus spìon an Tighearna a‑mach iad as am fearann ann am feirg, agus ann an corraich, agus ann an lasan ro‑mhòr, agus thilg e iad do dhùthaich eile, mar air an là‑an‑diugh.

Ach dùil eagalach ri breitheanas, agus feirg theinntich, a sgriosas na h‑eascairdean.

Oir tha fhios agaibh nuair a b’àill leis, an dèidh sin, am beannachadh a shealbhachadh, gun do dhiùltadh e: oir cha d’fhuair e àit aithreachais, ged a dh’iarr e e gu dùrachdach le deòir.

Agus ge bè air bith nach d’fhuaireadh sgrìobhte ann an leabhar na beatha, thilgeadh e anns an loch theine.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan