Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 6:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a thuit air falbh, ath-nuadhachadh a‑chum aithreachais: do bhrìgh gu bheil iad a’ ceusadh Mac Dhè a‑rìs dhaibh fhèin, agus ga chur gu nàire fhollaisich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Cruthaich annam cridhe glan, a Dhè, agus ath-nuadhaich spiorad ceart an taobh a‑staigh dhìom.

Agus claoidhear luchd-easaontais agus peacaich maraon; agus bidh iadsan a thrèigeas an Tighearna air an caitheamh as.

Ach air amharc do Iosa orra, thubhairt e riu, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach do Dhia tha na h‑uile nithean comasach.

Gu deimhinn tha sibh a’ toirt fianais gu bheil sibh ag aontachadh le gnìomharan ur n‑athraichean: oir mharbh iadsan gu deimhinn iad, agus tha sibhse a’ togail an àitean-adhlaic.

Ann an ceannsachd a’ teagasg na dream a sheasas na aghaidh; a dh’fheuchainn an toir Dia uair air bith aithreachas dhaibh, a‑chum aidmheil na fìrinn;

Oir ma pheacaicheas sinn de ar toil fhèin an dèidh dhuinn eòlas na fìrinn fhaotainn, chan fhàgar tuilleadh dhuinn ìobairt airson peacaidh,

Cia mòr as mò na sin am peanas a shaoileas sibh air am measar esan toillteanach, a shaltair fo a chasan Mac Dhè, agus a mheas mar nì mì‑naomh fuil a’ choicheangail, leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tarcais air Spiorad nan gràs?

Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.

Do bhrìgh uime sin gu bheil againn Ard-shagart mòr, a chaidh a‑steach do na nèamhan, Iosa Mac Dhè, cumamaid gu daingeann ar n‑aidmheil.

Oir is eu‑comasach an dream sin a chaidh aon uair a shoillseachadh, agus a bhlais an tìodhlac nèamhaidh, agus a rinneadh nan luchd-compàirt den Spiorad Naomh,

Oir b’fheàrr dhaibh gun eòlas a bhith aca air slighe na fìreantachd, na, an dèidh a h‑eòlas fhaotainn, tilleadh on àithne naoimh a thugadh dhaibh.

Ma chì neach sam bith a bhràthair a’ peacachadh peacaidh nach eil a‑chum bàis, iarraidh e, agus bheir e beatha dha, dhaibhsan nach eil a’ peacachadh a‑chum bàis. Tha peacadh a‑chum bàis ann: a‑thaobh sin, chan eil mi ag ràdh gur còir dha guidhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan