Agus ge bè neach a labhras facal an aghaidh Mac an Duine, maithear dha e: ach ge bè neach a labhras an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha mhaithear dha e, anns an t‑saoghal seo, no anns an t‑saoghal a tha ri teachd.
Oir bha eagal Eòin air Herod, air dha fios a bhith aige gum bu duine ceart agus naomh e, agus thug e fa‑near e; agus nuair a chuala e e, rinn e mòran de nithean air a chomhairle, agus dh’èisd e ris gu toileach.
An dream air a’ charraig, is iad sin iadsan, nuair a dh’èisdeas iad, a ghabhas am facal dan ionnsaigh le gàirdeachas, ach chan eil aca seo freumh, muinntir a chreideas rè tamaill, agus an àm buairidh a tha a’ tuiteam air falbh.
Tre chreideamh tha sinn a’ tuigsinn gun do chruthaicheadh na saoghail tre fhacal Dhè, air chor is nach do rinneadh na nithean a chìthear de nithean a bha rim faicinn.
Oir tha facal Dhè beò agus cumhachdach, agus nas gèire na claidheamh dà fhaobhair air bith, a’ ruigheachd eadhon a‑chum eadar-sgaradh an anama agus an spioraid, agus nan alt agus nan smear, agus a’ toirt breith air smuaintean agus rùintean a’ chridhe.
Oir an dèidh dhaibh dol as o shalchar an t‑saoghail, tre eòlas an Tighearna agus an t‑Slànaighir Iosa Crìosd, ma bhios iad a‑rìs air an ribeadh annta, agus air an cur fo ghèill, tha a’ chrìoch aca nas miosa na an toiseach.