Oir is eu‑comasach an dream sin a chaidh aon uair a shoillseachadh, agus a bhlais an tìodhlac nèamhaidh, agus a rinneadh nan luchd-compàirt den Spiorad Naomh,
Agus amhaircidh an sagart air a’ phlàigh an dèidh a nighe: agus, feuch, mura do mhùth a’ phlàigh a dath, agus mura do sgaoil a’ phlàigh, tha e neòghlan; loisgidh tu anns an teine e: is cnàmhan an leth a‑staigh e, mas lom a‑staigh no a‑muigh e.
Agus ma thig a’ phlàigh a‑rìs, agus ma bhriseas i a‑mach anns an taigh, an dèidh dha na clachan a thoirt air falbh, agus an dèidh dha an taigh a sgrìobadh, agus an dèidh dha a chòmhdachadh thairis le criadh;
Imichidh e an sin, agus bheir e leis seachd spioradan eile as miosa na e fhèin, agus thèid iad a‑steach agus gabhaidh iad còmhnaidh an sin: agus bidh staid dheireannach an duine sin nas miosa na a chiad staid. Is ann eadhon mar sin a thachras don ghinealach aingidh seo.
Is sibhse salann na talmhainn: gidheadh ma chailleas an salann a bhlas, ciod leis an saillear e? Chan eil feum ann o sin suas, ach a thilgeadh a‑mach, agus a shaltairt fo chasan dhaoine.
Mura fan neach annamsa, tha e air a thilgeadh a‑mach mar ghèig, agus air crìonadh; agus tionailidh daoine iad, agus tilgidh iad anns an teine iad, agus loisgear iad.
Fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, Nam b’aithne dhut tìodhlac Dhè, agus cò e a tha ag ràdh riut, Thoir dhomh deoch, dh’iarradh tu airsan, agus bheireadh e uisge beò dhut.
An sin thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nach tug Maois dhuibh an t‑aran o nèamh; ach tha m’Athair-sa a’ toirt dhuibh an arain fhìor o nèamh.
Agus ghabh na creidmhich den timcheall-ghearradh, a mheud dhiubh is a thàinig maille ri Peadar, iongantas mòr, do bhrìgh gun do dhòirteadh air na Cinnich mar an ceudna tìodhlac an Spioraid Naoimh.
Uime sin ma thug Dia dhaibhsan a cho-ionnan tìodhlac rinne, a chreid anns an Tighearna Iosa Crìosd, cò mise gum bithinn comasach bacadh a chur air Dia?
Anns an do dhall dia an t‑saoghail seo inntinn na dream nach eil nan creidmhich, air eagal gun dealraicheadh orra solas soisgeul glòrmhor Chrìosd, neach as e ìomhaigh Dhè.
Oir is e Dia a thubhairt ris an t‑solas soillseachadh à dorchadas, a dhealraich ann ar cridheachan-ne, a thoirt solas eòlas glòir Dhè, ann an gnùis Iosa Crìosd.
An tì uime sin a tha a’ frithealadh dhuibh an Spioraid, agus ag obrachadh mhìorbhailean nur measg, an ann tre obraichean an lagha, no tre èisdeachd a’ chreidimh a nì e seo?
Sùilean ur n‑inntinn a bhith air an soillseachadh, a‑chum fios a bhith agaibh ciod e dòchas a ghairme-san, agus ciod e saoibhreas glòir a oighreachd-san anns na naoimh;
Ach biodh ath-chuimhne agaibh air na làithean a chaidh seachad, anns an d’fhuiling sibh, an dèidh dhuibh a bhith air ur soillseachadh, gleac mhòr fhulangas;
Air a bhith do Dhia a’ dèanamh co‑fhianais leo, araon le comharraidhean agus le iongantasan, agus le feartan eugsamhail, agus le tìodhlacan an Spioraid Naoimh, a rèir a thoile fhèin?
Ma chì neach sam bith a bhràthair a’ peacachadh peacaidh nach eil a‑chum bàis, iarraidh e, agus bheir e beatha dha, dhaibhsan nach eil a’ peacachadh a‑chum bàis. Tha peacadh a‑chum bàis ann: a‑thaobh sin, chan eil mi ag ràdh gur còir dha guidhe.