Ach ghabh e a chead dhiubh, ag ràdh, Is èiginn dhomh, air gach aon chor, an fhèill seo a tha a’ teachd a choimhead ann an Ierusalem: ach tillidh mi a‑rìs dur n‑ionnsaigh-se, mas toil le Dia. Agus sheòl e o Ephesus.
Gidheadh thig mi dur n‑ionnsaigh gu h‑aithghearr, mas toil leis an Tighearna, agus bidh fhios agam, chan ann air cainnt na muinntir a tha air an sèideadh suas, ach air an cumhachd.
Oir is eu‑comasach an dream sin a chaidh aon uair a shoillseachadh, agus a bhlais an tìodhlac nèamhaidh, agus a rinneadh nan luchd-compàirt den Spiorad Naomh,