Agus thubhairt e, Orm fhèin mhionnaich mi, arsa an Tighearna, a chionn gun do rinn thu an nì seo, agus nach do chùm thu uam do mhac, eadhon d’aon mhac;
Gum beannaich mi thu gu mòr, agus gun dèan mi do shliochd ro‑lìonmhor eadhon mar reultan nèimh, agus mar a’ ghaineamh, a tha air tràigh na fairge: agus sealbhaichidh do shliochd geata an naimhdean;
Agus thubhairt e rium, Feuch, nì mise sìolmhor agus lìonmhor thu, agus nì mi thu ad choitheanal chinneach, agus bheir mi am fearann seo dod shliochd ad dhèidh mar sheilbh shìorraidh.
Agus rinn thu an clann lìonmhor mar reultan nan nèamh, agus thug thu iad don tìr mun dubhairt thu ri an athraichean, gun rachadh iad a‑steach ga sealbhachadh.
Cuimhnich air Abrahàm, Isaac, agus Israel, do sheirbhisich, don tug thu mionnan ort fhèin, agus ris an dubhairt thu, Nì mi ur sliochd lìonmhor mar reultan nèimh, agus am fearann seo uile mun do labhair mi, bheir mi dur sliochd-se, agus sealbhaichidh iad e gu sìorraidh.
Feuch, chuir mi an tìr romhaibh; rachaibh a‑steach, agus sealbhaichibh am fearann a mhionnaich an Tighearna dur n‑athraichean, Abrahàm, Isaac, agus Iàcob, gun tugadh e dhaibh e, agus dan sliochd nan dèidh.
Na h‑ìocaibh olc airson uilc, no càineadh airson càinidh: ach na aghaidh sin, beannaichibh; air dhuibh fios a bhith agaibh gur ann a dh’ionnsaigh seo a ghairmeadh sibh, a‑chum gun sealbhaicheadh sibh beannachadh mar oighreachd: