Cuimhnich air Abrahàm, Isaac, agus Israel, do sheirbhisich, don tug thu mionnan ort fhèin, agus ris an dubhairt thu, Nì mi ur sliochd lìonmhor mar reultan nèimh, agus am fearann seo uile mun do labhair mi, bheir mi dur sliochd-se, agus sealbhaichidh iad e gu sìorraidh.
Orm fhèin mhionnaich mi; chaidh fìrinn a‑mach as mo bheul; briathar, agus cha till e air ais; gu cinnteach dhòmhsa lùbaidh gach glùn, mionnaichidh gach teanga.
Uime sin èisdibh facal an Tighearna, uile Iùdah, a tha a chòmhnaidh ann an tìr na h‑Eiphit: Feuch, mhionnaich mise air m’ainm mòr, deir an Tighearna, nach bi m’ainm nas mò air ainmeachadh ann am beul duine air bith de Iùdah, ann an uile thìr na h‑Eiphit, ag ràdh, Mar as beò an Tighearna Dia.
Oir orm fhèin mhionnaich mise, deir an Tighearna, gum bi Bosrah na lèirsgrios, na mhasladh, na fhàsach, agus na mhallachadh; agus gum bi a uile bhailtean nam fàsaichean sìorraidh.
Sgriosaidh mi fòs a h‑ainmhidhean uile o thaobh nan uisgeachan mòra, agus cha chuir cas duine dragh orra tuilleadh, cha mhò a ghluaisear iad le iongannan ainmhidh.
A bhràithrean, tha mi a’ labhairt mar dhuine; ged nach bi ann ach coicheangal duine, ma tha e air a dhaingneachadh, cha chuir neach air bith air cùl e, agus cha chuirear nì sam bith ris.
Feuch, chuir mi an tìr romhaibh; rachaibh a‑steach, agus sealbhaichibh am fearann a mhionnaich an Tighearna dur n‑athraichean, Abrahàm, Isaac, agus Iàcob, gun tugadh e dhaibh e, agus dan sliochd nan dèidh.