Mar seo thubhairt an Tighearna; Seasaibh anns na ròidean agus faicibh, agus feòraichibh airson nan seann cheuman, Càit a bheil an t‑slighe mhath, agus gluaisibh innte; mar sin gheibh sibh fois dur n‑anaman. Ach thubhairt iadsan, Cha ghluais sinn innte.
Fhreagair a thighearna agus thubhairt e ris, A sheirbhisich uilc agus leisg, bha fhios agad gum buaininn-sa anns an àit anns nach do chuir mi, agus gun tionalainn as an ionad anns nach do sgaoil mi;
Agus thàrladh gun d’fhuair an duine bochd bàs, agus gun do ghiùlaineadh leis na h‑ainglean e gu uchd Abrahàim: fhuair an duine saoibhir bàs mar an ceudna, agus dh’adhlaiceadh e.
Ach an nì a thuit anns an talamh mhath, is iad sin iadsan, air dhaibh am facal èisdeachd, a tha ga choimhead ann an cridhe treibhdhireach agus math, agus a’ toirt toraidh uapa le foighidinn.
Agus na athair an timcheall-ghearraidh dhaibhsan nach eil a‑mhàin den timcheall-ghearradh, ach mar an ceudna a tha ag imeachd ann an ceuman creideamh ar n‑athar Abrahàm, a bha aige anns an neo-thimcheall-ghearradh.
A’ cuimhneachadh gun sgur obair ur creidimh, agus saothair ur gràidh, agus foighidinn ur dòchais nar Tighearna Iosa Crìosd, ann am fianais Dhè, agus ar n‑Athar;
Ionnas gu bheil sinne fhèin a’ dèanamh uaille asaibh ann an eaglaisean Dhè, airson ur foighidinn agus ur creidimh nur n‑uile gheur leanmhainnean agus àmhgharan a tha sibh a’ fulang:
Uime sin, air dhuinne a bhith air ar cuartachadh le neul cho mòr de fhianaisean, cuireamaid dhinn gach cudthrom, agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn, agus ruitheamaid le foighidinn an rèis a chuireadh romhainn,
Uime sin, a bhràithrean, dèanaibh tuilleadh dìchill a‑chum ur gairm agus ur taghadh a dhèanamh cinnteach: oir ma nì sibh na nithean seo, cha tuit sibh a‑chaoidh:
Ma bheir neach air bith ann am braighdeanas, thèid e fhèin ann am braighdeanas: ma mharbhas neach air bith leis a’ chlaidheamh, is èiginn e fhèin a bhith air a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. Is ann an seo a tha foighidinn agus creideamh nan naomh.