No an tì a bheir earail, thugadh e aire da earail: an tì a roinneas an dèirc, roinneadh e i an treibhdhireas; an tì a riaghlas, dèanadh e e le dùrachd; an tì a nì tròcair, dèanadh e e gu suilbhir.
A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.
Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna.
Uime sin, a mheud dhinne is a tha coileanta, biodh an inntinn seo againn: agus ma tha sibh ann an nì sam bith air atharrachadh inntinn, foillsichidh Dia an nì seo fhèin dhuibh.
Ma dh’fhanas sibh anns a’ chreideamh bunaiteach agus daingeann, gun a bhith air ur n‑atharrachadh o dhòchas an t‑soisgeil, a chuala sibh, agus a shearmonaicheadh do gach uile chreutair a tha fo nèamh; air an do rinneadh mise Pòl am mhinistear.
Ionnas gum faigheadh an cridhe sòlas, air dhaibh a bhith air an dlùth-cheangal ri chèile ann an gràdh, agus a‑chum uile shaoibhreas an làn dearbhachd tuigse, a‑chum eòlas rùn-diamhair Dhè, eadhon an Athar, agus Chrìosd;
Oir cha tàinig ar soisgeul-ne dur n‑ionnsaigh-se ann am facal a‑mhàin, ach mar an ceudna ann an cumhachd, agus anns an Spiorad Naomh, agus ann am mòr làn-dearbhachd; mar as aithne dhuibh ciod a’ ghnè dhaoine bha annainn nur measg air ur son-se.
Agus gu deimhinn tha sibh a’ dèanamh seo a‑thaobh nam bràthair uile, a tha ann am Macedònia gu h‑iomlan: ach guidheamaid oirbh, a bhràithrean, sibh a mheudachadh nas mò agus nas mò;
Thigeamaid am fagas le cridhe fìor, ann an làn dearbhachd a’ chreidimh, le ar cridheachan air an crath-ghlanadh o dhroch cogais, agus le ar cuirp air an nighe le uisge glan.
Ach Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe fhèin: agus is sinne a thaigh-san, ma chumas sinn dànachd, agus gàirdeachas an dòchais, gu daingeann gus a’ chrìoch.
Agus thill iad gu Iosua, agus thubhairt iad ris, Na rachadh an sluagh uile suas; ach rachadh mu thimcheall dà mhìle, no trì mìle fear suas, agus buaileadh iad Ai: na toir air an t‑sluagh uile saothrachadh an sin; oir chan eil ann dhiubh ach beagan.
Muinntir trìdsan a tha a’ creidsinn ann an Dia a thog esan o na mairbh, agus a thug glòir dha, a‑chum gum biodh ur creideamh agus ur muinghinn ann an Dia.
Uime sin, a bhràithrean, dèanaibh tuilleadh dìchill a‑chum ur gairm agus ur taghadh a dhèanamh cinnteach: oir ma nì sibh na nithean seo, cha tuit sibh a‑chaoidh:
Uime sin, a mhuinntir ionmhainn, o tha dùil agaibh ris na nithean sin, dèanaibh ur dìcheall a‑chum gum faighear leis-san ann an sìth sibh, gun smal agus neo-lochdach:
Tha fhios againn gun deachaidh sinn thairis o bhàs gu beatha, do bhrìgh gu bheil gràdh againn do na bràithrean: an tì nach gràdhaich a bhràthair, fanaidh e ann am bàs.