Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 6:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin air fàgail dhuinn ciad-thoiseachan teagasg Chrìosd, rachamaid air ar n‑aghaidh a‑chum foirfeachd; gun a bhith a‑rìs a’ suidheachadh bunaitean aithreachais o obraichean marbha, agus creidimh a‑thaobh Dhè;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

50 Iomraidhean Croise  

Ach tha slighe nam fìrean mar an solas dealrach, a dhealraicheas nas mò agus nas mò gu ruig an là iomlan.

Agus dòirtidh mi air taigh Dhaibhidh, agus air luchd-àiteachaidh Ierusaleim, spiorad nan gràs agus nan athchuingean, agus amhaircidh iad airsan a lot iad, agus nì iad caoidh air a shon, mar a chaoidheas duine airson a aon mhic: agus bidh an doilgheas air a shon mar dhoilgheas airson ciad-ghin.

Agus fhreagair esan agus thubhairt e, Cha dèan: ach na dhèidh sin, ghabh e aithreachas agus dh’imich e.

Oir thàinig Eòin dur n‑ionnsaigh air slighe na fìreantachd agus cha do chreid sibh e: ach chreid na cìs-mhaoir agus na strìopaichean e. Agus ged a chunnaic sibhse seo, cha do ghabh sibh aithreachas na dhèidh sin, a‑chum gun creideadh sibh e.

Agus ag ràdh, Gabhaibh aithreachas: oir tha rìoghachd nèimh am fagas.

O sin a‑mach thòisich Iosa air searmonachadh, agus air a ràdh, Gabhaibh aithreachas, oir tha rìoghachd nèimh am fagas.

Air an adhbhar sin bithibh-se coileanta mar tha ur n‑Athair a tha air nèamh coileanta.

Agus thùirling an t‑uisge, agus thàinig na tuiltean, agus shèid na gaothan, agus bhuail iad air an taigh sin: agus cha do thuit e, oir bha a bhunait suidhichte air carraig.

Toiseach soisgeul Iosa Crìosd, Mac Dhè:

Agus chaidh iad a‑mach, agus shearmonaich iad gun dèanadh daoine aithreachas.

Is cosmhail e ri duine a thog taigh, agus a chladhaich domhain, agus a chuir a’ bhunait air carraig: agus nuair a thàinig an tuil, bhuail an sruth gu dian air an taigh sin, agus cha b’urrainn e a charachadh; oir bha e air a shuidheachadh air carraig.

Agus ghlaodh Iosa, agus thubhairt e, An tì a tha a’ creidsinn annam-sa, chan ann annamsa a tha e a’ creidsinn, ach anns an tì a chuir uaithe mi.

Na biodh ur cridhe fo thrioblaid: tha sibh a’ creidsinn ann an Dia, creidibh annamsa mar an ceudna.

Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a dh’èisdeas rim fhacal-sa, agus a tha a’ creidsinn anns an tì a chuir uaithe mi, tha a’ bheatha mhaireannach aige, agus cha tig e a‑chum dìtidh, ach chaidh e thairis o bhàs gu beatha.

Agus nuair a chuala iad na nithean seo, thosd iad, agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Thug Dia mas eadh mar an ceudna do na Cinnich aithreachas a‑chum na beatha.

A‑nis air do Dhia amharc thairis air aimsirean an aineolais seo, tha e a‑nis ag àithneadh do na h‑uile anns gach àite aithreachas a dhèanamh:

An sin thubhairt Peadar riu, Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Iosa Crìosd, a‑chum maitheanas pheacaidhean, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid Naoimh.

A’ dèanamh fianais araon do na h‑Iùdhaich, agus do na Greugaich, mu aithreachas a‑thaobh Dhè, agus mu chreideamh a‑thaobh ar Tighearna Iosa Crìosd.

Ach shearmonaich mi air tùs dhaibhsan ann an Damascas, agus ann an Ierusalem, agus air feadh tìr Iudèa uile, agus an sin do na Cinnich, iad a dhèanamh aithreachais agus tilleadh ri Dia, a’ dèanamh obraichean iomchaidh an aithreachais.

Air an adhbhar sin, dèanaibh-se aithreachas agus bithibh air ur n‑iompachadh, a‑chum gum bi ur peacaidhean air an glanadh as, nuair a thig àmannan fionnaireachd o làthair an Tighearna;

Ach nuair a thig an nì a tha iomlan, cuirear air cùl an nì sin nach eil ach ann an cuid.

Gidheadh tha sinn a’ labhairt gliocais am measg nan daoine iomlan: ach chan e gliocas an t‑saoghail seo, no uachdaran an t‑saoghail seo, a thèid an neo-bhrìgh:

Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, air dhuinn na geallaidhean seo a bhith againn, glanamaid sinn fhèin o gach uile shalchar feòla agus spioraid, a’ coileanadh naomhachd ann an eagal Dhè.

Oir obraichidh am bròn diadhaidh aithreachas a‑chum slàinte de nach gabhar aithreachas; ach obraichidh doilgheas an t‑saoghail bàs.

Agus sibhse bheothaich e, a bha marbh ann an euceartan agus ann am peacaidhean:

Eadhon air dhuinn a bhith marbh ann am peacaidhean, cho-bheothaich e sinn maille ri Crìosd; (le gràs tha sibh air ur tèarnadh;)

A‑chum na naoimh a dheasachadh a‑chum obair na ministrealachd, a‑chum togail suas corp Chrìosd:

Neach a tha sinne a’ searmonachadh, a’ toirt rabhaidh do gach duine, agus a’ teagasg gach uile dhuine anns an uile ghliocas; a‑chum gun nochd sinn gach uile dhuine na làthair-san iomlan ann an Iosa Crìosd:

Agus thar na nithean seo uile, cuiribh umaibh gràdh, nì as e coicheangal na foirfeachd.

Tha Epaphras, a tha dhibh fhèin, seirbhiseach Chrìosd, a’ cur fàilte oirbh, a‑ghnàth a’ dèanamh spàirn dhùrachdaich air ur son ann an ùrnaighean, a‑chum gun seas sibh foirfe agus coileanta, ann an uile thoil Dhè.

Agus gun amharas is mòr rùn-diamhair na diadhachd: dh’fhoillsicheadh Dia anns an fheòil, dh’fhìreanaicheadh e anns an Spiorad, chunnacas le ainglean e, shearmonaicheadh e do na Cinnich, chreideadh ann air an t‑saoghal, ghabhadh suas e a‑chum glòire.

A’ tasgadh suas dhaibh fhèin deagh bhunait fa chomhair an àm ri teachd, a‑chum gun dèan iad greim air a’ bheatha mhaireannaich.

Gidheadh, tha bunait Dhè a’ seasamh daingeann, aig a bheil an seula seo, Is aithne don Tighearna an dream sin as leis. Agus, gach neach a tha ag ainmeachadh ainm Chrìosd, trèigeadh e eucoir.

Ach as eugmhais creidimh chan eil e comasach a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach.

Agus dèanaibh cas-cheuman dìreach dur casan, air eagal gum bi an nì sin a tha bacach air a thionndadh as an t‑slighe; ach gum bu mhò a bhiodh e air a shlànachadh.

A‑nis nan tigeadh foirfeachd tre shagartachd nan Lèbhitheach (oir is ann ra linn a thugadh an lagh don t‑sluagh), ciod am feum a bha air sagart eile èirigh a rèir òrdagh Mhelchisedeic, agus nach biodh e air a ghairm a rèir òrdagh Aaroin?

Cia mòr as mò a nì fuil Chrìosd, a thug e fhèin suas tre an Spiorad shìorraidh gun lochd do Dhia, ur cogais-se a ghlanadh o obraichean marbha a‑chum seirbhis a dhèanamh don Dia bheò?

Ach biodh aig an fhoighidinn a h‑obair iomlan fhèin, a‑chum gum bi sibh diongmhalta agus iomlan, gun uireasbhaidh nì sam bith.

Muinntir trìdsan a tha a’ creidsinn ann an Dia a thog esan o na mairbh, agus a thug glòir dha, a‑chum gum biodh ur creideamh agus ur muinghinn ann an Dia.

Ach gun dèanadh Dia fhèin nan uile ghràs, a ghairm sinne a‑chum a ghlòire shìorraidh tre Iosa Crìosd, an dèidh dhuibh fulang rè ùine bhig, iomlan sibh; gun daingnicheadh, gun neartaicheadh, gun socraicheadh e sibh:

Chan fhaca neach air bith Dia riamh. Ma ghràdhaicheas sinn a chèile, tha Dia na chòmhnaidh annainn, agus tha a ghràdh air a choileanadh annainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan