Neach a tha comasach air truas a ghabhail ris an dream a tha aineolach, agus air seachran: do bhrìgh gu bheil e fhèin mar an ceudna air a chuartachadh le anfhainneachd:
Chlaon iad gu grad on t‑slighe a dh’àithn mise dhaibh: rinn iad dhaibh fhèin laogh leaghte; agus rinn iad adhradh dha, agus thug iad suas ìobairtean dha, agus thubhairt iad, Sin do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit.
A bha roimhe am fhear-labhairt toibheim, agus am fhear geur-leanmhainn, agus am dhuine eucorach. Ach fhuair mi tròcair, do bhrìgh gun do rinn mi seo tre aineolas, ann am mì‑chreideamh:
Agus dèanaibh cas-cheuman dìreach dur casan, air eagal gum bi an nì sin a tha bacach air a thionndadh as an t‑slighe; ach gum bu mhò a bhiodh e air a shlànachadh.
Uime sin b’fheumail dha anns na h‑uile nithean a bhith air a dhèanamh cosmhail ra bhràithrean; a‑chum gum biodh e na àrd-shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum rèite a dhèanamh airson peacaidhean an t‑sluaigh:
Oir chan eil Ard-shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh.
Oir tha an lagh a’ dèanamh àrd-shagartan de dhaoine aig a bheil anfhainneachd; ach facal nam mionnan a bha an dèidh an lagha, a’ dèanamh Àrd-shagairt den Mhac, a tha air a dhèanamh iomlan gu sìorraidh.
Ach don dara pàillean chaidh an t‑àrd-shagart na aonar a‑steach aon uair anns a’ bhliadhna, cha b’ann as eugmhais fala, a thug e suas air a shon fhèin, agus airson seachran an t‑sluaigh:
Gidheadh chan èisdeadh iad rim britheamhan, ach chaidh iad le strìopachas an dèidh dhiathan eile, agus chrom iad iad fhèin dhaibh: thill iad gu grad as an t‑slighe anns an d’imich an athraichean, a’ toirt gèill do àitheantan an Tighearna: cha do rinn iadsan mar sin.