Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 5:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach is ann do dhaoine foirfe a bhuineas biadh làidir, aig a bheil an ciadfathan, tre ghnàthachadh fada, air an cleachdadh ri eadar-dhealachadh a chur eadar math agus olc.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Oir tha fhios aig Dia, anns an là a dh’itheas sibh dheth, gum fosglar ur sùilean, agus gum bi sibh mar dhiathan, fiosrach air math agus air olc.

An sin thubhairt do bhanoglach, Bidh facal mo thighearna an rìgh a‑nis sòlasach: oir mar aingeal Dhè, mar sin tha mo thighearna an rìgh a thuigsinn maith agus uilc: agus bidh an Tighearna do Dhia maille riut.

Agus thubhairt Dia ris, A chionn gun d’iarr thu an nì seo, agus nach d’iarr thu dhut fhèin saoghal fada, agus nach d’iarr thu dhut fhèin saoibhreas, agus nach d’iarr thu anam do naimhdean, ach gun d’iarr thu dhut fhèin tuigse a dhèanamh breitheanais,

Thoir uime sin dod òglach cridhe tuigseach a thoirt breith air do shluagh, gu dealachadh a chur eadar am math agus an t‑olc; oir cò as urrainn breith a thabhairt air do shluagh seo a tha cho mòr?

Nach dearbh a’ chluas briathran? Agus nach blais am beul a bhiadh?

Oir dearbhaidh a’ chluas briathran, agus blaisidh am beul biadh.

A bheil ann am theangaidh euceart? Nach aithnich mo bhlas nithean fiara?

Cia milis lem bhlas do bhriathran! Nas mìlse tha iad na mil dom bheul.

Airson fàile cùbhraidh is math d’ola-ungaidh-sa: is ola-ungaidh air a dòrtadh d’ainm; uime sin ghràdhaich na h‑òighean thu.

Mar chrann-ubhall am measg croinn na coille, is amhail mo rùn-sa am measg nan òganach; fo a sgàile mhiannaich mi, agus shuidh mi sìos, agus bha a thoradh milis dom bhlas.

Im agus mil ithidh e, gus an tuig e an t‑olc a dhiùltadh, agus am math a roghnachadh.

Air an adhbhar sin bithibh-se coileanta mar tha ur n‑Athair a tha air nèamh coileanta.

Gabhaibh ris an neach a tha anfhann anns a’ chreideamh, ach chan ann a‑chum deasbaireachd amharasaich.

Gidheadh tha sinn a’ labhairt gliocais am measg nan daoine iomlan: ach chan e gliocas an t‑saoghail seo, no uachdaran an t‑saoghail seo, a thèid an neo-bhrìgh:

Sùilean ur n‑inntinn a bhith air an soillseachadh, a‑chum fios a bhith agaibh ciod e dòchas a ghairme-san, agus ciod e saoibhreas glòir a oighreachd-san anns na naoimh;

Gus an tig sinn uile ann an aonachd a’ chreidimh, agus eòlas Mac Dhè, a‑chum duine iomlain, a‑chum tomhas àirde lànachd Chrìosd:

Uime sin, a mheud dhinne is a tha coileanta, biodh an inntinn seo againn: agus ma tha sibh ann an nì sam bith air atharrachadh inntinn, foillsichidh Dia an nì seo fhèin dhuibh.

Dearbhaibh na h‑uile nithean: cumaibh gu daingeann an nì sin a tha math.

Ach diùlt sgeulachdan mì‑dhiadhaidh sheana bhan, agus cleachd thu fhèin a‑chum diadhachd.

Uime sin air fàgail dhuinn ciad-thoiseachan teagasg Chrìosd, rachamaid air ar n‑aghaidh a‑chum foirfeachd; gun a bhith a‑rìs a’ suidheachadh bunaitean aithreachais o obraichean marbha, agus creidimh a‑thaobh Dhè;

Oir ann am mòran nithean tha sinn uile ciontach. Mura eil duine ciontach ann am facal, is duine coileanta an tì sin, comasach mar an ceudna air srian a chur ris a’ chorp uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan