Anns an àm sin fhreagair Iosa agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean seo o dhaoine eagnaidh agus tuigseach, agus gun d’fhoillsich thu iad do leanaban.
Nuair a bha mi am leanaban, labhair mi mar leanaban, thuig mi mar leanaban, reusonaich mi mar leanaban: ach air fàs dhomh am dhuine, chuir mi na nithean leanabaidh air cùl.
A‑chum is nach bi sinn à seo suas nar leanaban, air ar tonn-luasgadh, agus air ar giùlan mun cuairt leis gach uile ghaoith teagaisg, le cleasachd dhaoine, agus seòltachd cealgach, leis a bheil iad gu h‑innleachdach ri feall-fhalach a‑chum meallaidh:
Tha an sgriobtar uile air a dheachdadh le Spiorad Dhè, agus tha e tairbheach a‑chum teagaisg, a‑chum spreigeadh, a‑chum leasachaidh, a‑chum oilein ann am fìreantachd: