Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 5:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir ged bu chòir dhuibh a rèir na h‑aimsir a bhith nur luchd-teagaisg, tha feum agaibh gun teagaisgeadh neach dhuibh a‑rìs ciod iad ciad-thoiseachan briathran Dhè; agus tha sibh air teachd a‑chum na h‑inbhe sin, gur mò tha bainne a dh’uireasbhaidh oirbh na biadh làidir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus bha comhairle Ahitopheil a thug e seachad anns na làithean sin mar gum fiosraicheadh duine de fhacal Dhè: mar sin bha uile chomhairle Ahitopheil araon aig Daibhidh agus aig Absalom.

Oir dh’ullaich Esra a chridhe a dh’iarraidh lagh an Tighearna, agus ga dhèanamh, agus a theagasg ann an Israel reachdan agus bhreitheanas.

Thigibh, a chlann, agus èisdibh rium; teagaisgidh mi dhuibh eagal an Tighearna.

Ach bidh facal an Tighearna dhaibhsan na àithne air àithne, àithne air àithne; rann air roinn, rann air roinn; beagan an seo, beagan an siud; a‑chum gun rachadh iad, agus gun tuiteadh iad air an ais, agus gum biodh iad air am briseadh, agus air an ribeadh, agus air an glacadh.

Ho! gach neach air a bheil tart, thigibh-se a‑chum nan uisgeachan; agus esan aig nach eil airgead, thigibh, ceannaichibh agus ithibh; seadh, thigibh, ceannaichibh, gun airgead agus gun luach, fìon agus bainne.

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, A ghinealaich neo-chreidmhich agus choirbte, cia fhad a dh’fhulaingeas mi sibh? Thugaibh am ionnsaigh-sa an seo e.

Ach fhreagair esan, agus thubhairt e ris, O chinnich gun chreideamh, cia fhad a bhios mi maille ribh? Cia fhad a dh’fhuilingeas mi sibh? Thugaibh e am ionnsaigh.

Seo esan a bha anns an eaglais anns an fhàsach, maille ris an aingeal a labhair ris ann am beinn Shina, agus maille ri ar n‑athraichean-ne: neach a fhuair briathran na beatha a‑chum an toirt dhuinne:

Is mòr sin air gach dòigh: air tùs, do bhrìgh gur ann riùsan a dh’earbadh briathran Dhè.

Ach b’fheàrr leam còig facail a labhairt anns an eaglais lem thuigse, a‑chum gun teagaisginn daoine eile mar an ceudna, na deich mìle facal ann an teangaidhean coimheach.

A bhràithrean, na bithibh-se nur leanaban ann an tuigse: gidheadh, ann am mìorun bithibh nur leanaban, ach ann an tuigse bithibh nur daoine foirfe.

Agus mar an ceudna sinne, nuair a bha sinn nar leanaban, bha sinn ann an daorsa fo chiad fhòghlam an t‑saoghail:

Os bàrr, mo bhràithrean, dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna. Gu deimhinn cha leisg leamsa na nithean ceudna a sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, ach dhuibhse tha seo tèarainte.

Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe.

Ach biodh ath-chuimhne agaibh air na làithean a chaidh seachad, anns an d’fhuiling sibh, an dèidh dhuibh a bhith air ur soillseachadh, gleac mhòr fhulangas;

Mum bheil mòran againn ri labhairt, agus cruaidh rim mìneachadh; do bhrìgh gu bheil sibh mall nur n‑èisdeachd.

Oir gach neach a tha a’ gnàthachadh bainne, tha e neo-theòma air facal na fìreantachd: oir is naoidhean e.

Uime sin air fàgail dhuinn ciad-thoiseachan teagasg Chrìosd, rachamaid air ar n‑aghaidh a‑chum foirfeachd; gun a bhith a‑rìs a’ suidheachadh bunaitean aithreachais o obraichean marbha, agus creidimh a‑thaobh Dhè;

Mar naoidheanan air an ùr‑bhreith, iarraibh bainne fìorghlan an fhacail, a‑chum is gum fàs sibh leis;

Ma labhras neach sam bith, labhradh e mar bhriathran Dhè; ma tha neach sam bith ri frithealadh, dèanadh e e mar on chomas a bheir Dia dha; a‑chum gum bi Dia air a ghlòrachadh anns na h‑uile nithean tre Iosa Crìosd: dhàsan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan