Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 5:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mum bheil mòran againn ri labhairt, agus cruaidh rim mìneachadh; do bhrìgh gu bheil sibh mall nur n‑èisdeachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chuala bànrighinn Shèba cliù Sholaimh ann an ainm an Tighearna, thàinig i ga dhearbhadh le ceistean cruaidhe.

Dèan cridhe an t‑sluaigh seo reamhar, agus dèan an cluasan trom, agus druid an sùilean; mum faic iad len sùilean, agus mun cluinn iad len cluasan, agus mun tuig iad len cridheachan, agus gun iompaichear iad, agus gum bi iad air an slànachadh.

Oir tha cridhe a’ phobaill seo air fàs reamhar, agus an cluasan mall a‑chum èisdeachd, agus dhruid iad an sùilean; air eagal uair air bith gum faiceadh iad len sùilean, agus gun cluinneadh iad len cluasan, agus gun tuigeadh iad len cridhe, agus gum biodh iad air an iompachadh, agus gun slànaichinn-sa iad.

Agus thubhairt e riu, Cionnas nach eil sibh a’ tuigsinn?

An sin thubhairt e riu, O dhaoine amaideach, agus mall-chridheach a chreidsinn nan nithean sin uile a labhair na fàidhean!

Tha mòran nithean agam fhathast ri ràdh ribh, ach chan urrainn sibh an giùlan an tràth seo.

(Ach thubhairt e seo ga dhearbhadh-san; oir bha fhios aige fhèin ciod a dhèanadh e.)

Oir tha cridhe a’ phobaill seo air fàs reamhar, agus tha iad a’ cluinntinn gu trom len cluasan, agus chaog iad an sùilean; air eagal gum faiceadh iad len sùilean, agus gun cluinneadh iad len cluasan, agus gun tuigeadh iad len cridhe, agus gun tilleadh iad agus gun slànaichinn-sa iad.

Air a ghairm le Dia na Ard-shagart a rèir òrdagh Mhelchisedeic;

Oir ged bu chòir dhuibh a rèir na h‑aimsir a bhith nur luchd-teagaisg, tha feum agaibh gun teagaisgeadh neach dhuibh a‑rìs ciod iad ciad-thoiseachan briathran Dhè; agus tha sibh air teachd a‑chum na h‑inbhe sin, gur mò tha bainne a dh’uireasbhaidh oirbh na biadh làidir.

Eadhon mar na litrichean uile, a’ labhairt annta mu na nithean seo; anns a bheil cuid de nithean do‑thuigsinn, a tha an dream a tha neo-fhòghlaimte, agus neo-sheasmhach, a’ fiaradh, mar na sgriobtairean eile, a‑chum an sgrios fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan