Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 5:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air a ghairm le Dia na Ard-shagart a rèir òrdagh Mhelchisedeic;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thug Melchisedec rìgh Shàleim a‑mach aran agus fìon: agus b’esan sagart an Dè as ro‑àirde.

Mhionnaich an Tighearna, agus cha ghabh e aithreachas, Is sagart thu gu bràth, a rèir òrdagh Mhelchisedeic.

Uime sin b’fheumail dha anns na h‑uile nithean a bhith air a dhèanamh cosmhail ra bhràithrean; a‑chum gum biodh e na àrd-shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum rèite a dhèanamh airson peacaidhean an t‑sluaigh:

Uime sin, a bhràithrean naomha, a tha nur luchd-compàirt den ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near Iosa Crìosd, Abstol agus Àrd-shagart ar n‑aidmheil;

Mum bheil mòran againn ri labhairt, agus cruaidh rim mìneachadh; do bhrìgh gu bheil sibh mall nur n‑èisdeachd.

Far an deachaidh an ro‑ruith-fhear a‑steach air ar son-ne, eadhon Iosa, a rinneadh na Ard-shagart gu sìorraidh a rèir òrdagh Mhelchisedeic.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan