Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 5:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir tha gach uile àrd-shagart, air a thoirt o mheasg dhaoine, air òrdachadh airson dhaoine ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum gun toir e suas araon tìodhlacan agus ìobairtean airson pheacaidhean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Thoir leat Aaron agus a mhic maille ris, agus an trusgan naomh, agus an ola-ungaidh, agus tarbh mar an ìobairt-pheacaidh, agus dà reithe, agus basgaid de aran neo-ghortaichte.

Agus thubhairt Maois ri Aaron, Imich a dh’ionnsaigh na h‑altarach, agus ìobair d’ìobairt-pheacaidh, agus d’ìobairt-loisgte, agus dèan rèite air do shon fhèin, agus airson an t‑sluaigh: agus thoir suas tabhartas an t‑sluaigh, agus dèan rèite air an son, mar a dh’àithn an Tighearna.

Uime sin tha adhbhar uaill agam tre Iosa Crìosd, anns na nithean sin a bhuineas do Dhia.

Oir thug mi dhuibh air tùs an nì a fhuair mi mar an ceudna, gun d’fhuair Crìosd bàs airson ar peacaidhean a rèir nan sgriobtar:

Agus tha gach uile shagart a’ seasamh gach là, a’ frithealadh agus a’ toirt suas nan ìobairt ceudna gu minig, nithean do nach eil e an comas a‑chaoidh peacaidhean a thoirt air falbh:

Ach an duine seo, an dèidh dha aon ìobairt a thoirt suas airson peacaidh, shuidh e a‑chaoidh tuilleadh air deaslàimh Dhè:

Tre chreideamh thug Abel suas do Dhia ìobairt na b’fheàrr na Càin, tre an tugadh teisteas dha gu robh e na fhìrean, air a bhith do Dhia a’ dèanamh fianais de a thìodhlacan: agus tre sin, air dha a bhith marbh, tha e fhathast a’ labhairt.

Uime sin b’fheumail dha anns na h‑uile nithean a bhith air a dhèanamh cosmhail ra bhràithrean; a‑chum gum biodh e na àrd-shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum rèite a dhèanamh airson peacaidhean an t‑sluaigh:

Nach feum gach là mar na h‑àrd-shagartan ud ìobairtean a thoirt suas, air tùs airson a pheacaidhean fhèin, agus an dèidh sin airson peacaidhean an t‑sluaigh: oir rinn e seo aon uair, anns an àm anns an tug e e fhèin mar ìobairt.

Oir tha gach uile àrd-shagart air òrdachadh a‑chum tìodhlacan agus ìobairtean a thoirt suas: uime sin b’èiginn gum biodh aig an duine seo mar an ceudna nì‑eigin ra thabhairt suas.

Oir nam biodh e air thalamh, cha bhitheadh e na shagart, do bhrìgh gu bheil sagartan ann a tha a’ tabhairt suas thìodhlac a rèir an lagha:

Nì a bha na shamhladh don aimsir a tha an làthair, anns an robh araon tìodhlacan agus ìobairtean air an toirt suas, nach robh comasach air an tì a bha a’ dèanamh na seirbhis sin a dhèanamh coileanta, a‑thaobh a chogais,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan