A thug e fhèin air ar son, a‑chum gun saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e dha fhèin sluagh sònraichte, eudmhor mu dheagh obraichean.
Uime sin biodh faitcheas oirnn, air eagal air a bhith do ghealladh dol a‑steach da shuaimhneas air fhàgail againn, gun tigeadh aon neach agaibh a dhèidh-làimh air.
Oir tha sinne a chreid a’ dol a‑steach do shuaimhneas, amhail a thubhairt e, Mar a thug mi mo mhionnan am fheirg, nach tèid iad a‑steach dom shuaimhneas: ged bha na h‑obraichean crìochnaichte o thoiseach an t‑saoghail.
Agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Sgrìobh, Is beannaichte na mairbh a gheibh bàs anns an Tighearna, à seo a‑mach: Seadh, tha an Spiorad ag ràdh, a‑chum gum faigh iad fois on saothair; agus leanaidh an obraichean iad.
Agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean; agus cha bhi bàs ann nas mò, no bròn, no èigheach, agus cha bhi pian ann nas mò; oir chaidh na ciad nithean thairis.