Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 4:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑rìs, tha e a’ suidheachadh là àraidh, ag ràdh ann an Daibhidh, An‑diugh, an dèidh aimsir cho fada; mar a theirear, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus anns a’ cheathramh ceud agus an ceathramh-fichead bliadhna o theachd chloinn Israeil a‑mach à tìr na h‑Eiphit, anns a’ cheathramh bliadhna de rìoghachadh Sholaimh os cionn Israeil, anns a’ mhìos Siph, (is e sin an dara mìos,) thòisich e air taigh a thogail don Tighearna.

Oir is esan Dia, agus is sinne sluagh a ionaltraidh-san, agus caoraich a làimhe.

Thubhairt esan riu, Cionnas mas eadh a ghoireas Daibhidh anns an spiorad a Thighearna dheth, ag ràdh,

Oir thubhairt Daibhidh fhèin tron Spiorad Naomh, Thubhairt an Tighearna rim Thighearna-sa, Suidh air mo làimh dheis, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan.

Agus tha Daibhidh fhèin ag ràdh ann an leabhar nan Salm, Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh air mo làimh dheis,

Fheara agus a bhràithrean, leigibh leam labhairt gu dàna ribh mun phrìomh-athair Daibhidh, araon gun d’fhuair e bàs, agus gun d’adhlaiceadh e, agus gu bheil a uaigh maille rinn gus an là‑an‑diugh.

Air dhàsan seo a ro‑fhaicinn, labhair e mu aiseirigh Chrìosd, nach d’fhàgadh a anam ann an ifrinn, agus nach faca a fheòil truaillidheachd.

Agus air dhaibh a bhith an aghaidh a chèile, sgaoil iad, air do Phòl aon fhacal a ràdh, Is math a labhair an Spiorad Naomh tre an fhàidh Esaias, ri ar n‑athraichean.

Am feadh a theirear, An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth, na cruadhaichibh ur cridhe, mar anns a’ bhrosnachadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan