Do bhrìgh uime sin gun tuigear uaithe seo gun tèid dream àraidh a‑steach ann, agus nach deachaidh an dream, don do shearmonaicheadh e air tùs, a‑steach airson am mì‑chreidimh;
Ach ur clann bheag, a thubhairt sibh a bhiodh nan cobhartaich, iadsan bheir mi a‑steach, agus gabhaidh iad eòlas air an fhearann air an do rinn sibhse tàir.
Ach tha mi ag ràdh seo, a bhràithrean, gu bheil an aimsir goirid anns na bheil ri teachd: a‑chum araon gum bi iadsan, aig a bheil mnathan, mar nach biodh mnathan aca;
Oir air fhaicinn roimhe don sgriobtar gum fìreanaicheadh Dia na Cinnich tre chreideamh, shearmonaich e an soisgeul ro‑làimh do Abrahàm, ag ràdh, Beannaichear na h‑uile Chinnich annadsa.
Oir shearmonaicheadh an soisgeul dhuinne, amhail a rinneadh dhaibhsan: ach cha robh tairbhe dhaibhsan anns an fhacal a chaidh a shearmonachadh, do bhrìgh nach robh e air a mheasgadh le creideamh anns an dream a chuala e.