Eabhraidhich 4:4Am Bìoball Gàidhlig 1992Oir labhair e ann an ionad àraidh mun t‑seachdamh là air an dòigh seo, Agus ghabh Dia fois air an t‑seachdamh là o a obraichean uile. Faic an caibideil |
Ach air an t‑seachdamh là tha sàbaid an Tighearna do Dhia: air an là seo cha dèan thu obair sam bith, thu fhèin, no do mhac, no do nighean, no d’òglach, no do bhanoglach, no do dhamh, no d’asal, no aon air bith ded sprèidh, no do choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan; a‑chum is gun gabh d’òglach agus do bhanoglach fois cho math riut fhèin.