Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 4:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir tha facal Dhè beò agus cumhachdach, agus nas gèire na claidheamh dà fhaobhair air bith, a’ ruigheachd eadhon a‑chum eadar-sgaradh an anama agus an spioraid, agus nan alt agus nan smear, agus a’ toirt breith air smuaintean agus rùintean a’ chridhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

42 Iomraidhean Croise  

Slat-shuaicheantais do chumhachd cuiridh an Tighearna a‑mach à Sion; bi thusa ad uachdaran am meadhon do naimhdean.

Bheir fosgladh do bhriathran solas, a’ teagasg nan daoine aon-fhillte.

Is aithne dhut mo shuidhe agus m’èirigh; tuigidh tu mo smuaintean fad as.

Biodh àrd-chliù Dhè nam beul, agus claidheamh dà fhaobhair nan làimh,

Crioslaich do chlaidheamh air do leis, O ghaisgich, led ghlòir agus led mhòralachd.

Ach tha a crìoch searbh mar a’ bhurmaid, geur mar chlaidheamh dà fhaobhair.

Tha briathran nan daoine glice mar bhioran, agus mar thàirngean air an sparradh le uachdarain choitheanal, a thugadh le aon aodhaire.

Ach le ceartas bheir e breith air a’ bhochd, agus bheir e achmhasan le cothrom, as leth daoine ciùine na talmhainn; agus buailidh e an talamh le slait a bheòil, agus le anail a bhilean marbhaidh e an t‑aingidh.

Agus rinn e mo bheul mar chlaidheamh geur; ann an sgàil a làimhe dh’fhalaich e mi; seadh, rinn e mi am ghath lìomhte; thaisg e mi na dhòrlach.

Is amhail a bhios m’fhacal-sa a thèid a‑mach as mo bheul: cha till e am ionnsaigh gun tairbhe; ach coileanaidh e an nì as àill leam, agus bheir e gu buil an nì mun do chuir mi a‑mach e.

Tha mise Iehòbhah a’ rannsachadh a’ chridhe, agus a’ sgrùdadh nan àirnean, a‑chum gun tabhair mi do gach neach a rèir a shlighe, agus a rèir toradh a dhèanadais.

Nach ionann m’fhacal-sa agus teine? deir an Tighearna; agus nach ionann e agus òrd a bhriseas a’ chreag na bloighdean?

Ach is e seo an cosamhlachd: Is e an sìol facal Dhè.

An tì a tha a’ cur cùil riumsa, agus nach eil a’ gabhail rim bhriathran, tha aige neach a bheir breith air: am facal a labhair mi, bheir e sin breith air anns an là dheireannach.

Is mise an t‑aran beò, a thàinig a‑nuas o nèamh: ma dh’itheas neach air bith den aran seo, bidh e beò gu sìorraidh: agus an t‑aran a bheir mise uam, is e m’fheòil e, a bheir mi airson beatha an t‑saoghail.

A‑nis nuair a chuala iad seo, bha iad air am bioradh nan cridhe, agus thubhairt iad ri Peadar, agus ris a’ chuid eile de na h‑abstoil, Fheara agus a bhràithrean, ciod a nì sinn?

Agus air dhaibh ùrnaigh a dhèanamh, chrathadh an t‑àite anns an robh iad cruinn; agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus labhair iad facal Dhè le dànachd.

Agus nuair a chuala iadsan seo, bha iad air an gonadh, agus ghabh iad comhairle an cur gu bàs.

Seo esan a bha anns an eaglais anns an fhàsach, maille ris an aingeal a labhair ris ann am beinn Shina, agus maille ri ar n‑athraichean-ne: neach a fhuair briathran na beatha a‑chum an toirt dhuinne:

Oir cha nàir leamsa soisgeul Chrìosd: oir is e cumhachd Dhè e a‑chum slàinte do gach neach a chreideas, don Iùdhach air tùs, agus mar an ceudna don Ghreugach.

Ach dhaibhsan a tha air an gairm, araon Iùdhaich agus Greugaich, Crìosd cumhachd Dhè, agus gliocas Dhè:

Oir chan eil sinne mar mhòran, a thruailleas facal Dhè: ach mar o threibhdhireas, ach mar o Dhia, tha sinn a’ labhairt am fianais Dhè ann an Crìosd.

Ach chuir sinn cùl ri nithean falaichte na nàire, gun sinn a bhith a’ siubhal ann an ceilg, no a’ truailleadh facal Dhè, ach le foillseachadh na fìrinn gar moladh fhèin do chogais nan uile dhaoine ann an sealladh Dhè.

Ach tha na h‑uile nithean a tha air an cronachadh air an dèanamh follaiseach leis an t‑solas: oir gach uile nì a nì soilleir, is solas e.

A‑chum gun naomhaicheadh agus gun glanadh e i le ionnlad an uisge tre an fhacal;

Agus glacaibh clogad na slàinte, agus claidheamh an Spioraid, nì as e facal Dhè:

Uime sin tha sinne mar an ceudna a’ toirt buidheachais do Dhia gun sgur, do bhrìgh nuair a ghabh sibh ri facal Dhè a chuala sibh uainne, gun do ghabh sibh ris chan ann mar fhacal dhaoine, ach (mar as e gu fìrinneach) facal Dhè, a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annaibhse a tha a’ creidsinn.

Agus gun dèanadh Dia na sìthe fhèin naomh sibh gu h‑iomlan; agus gun deònaicheadh Dia gum bi ur n‑uile spiorad, agus anam, agus chorp, air an gleidheadh gu neo-choireach, gu teachd ar Tighearna Iosa Crìosd.

Bithibh cuimhneachail air ur cinn-iùil, a labhair ribh facal Dhè: leanaibh an creideamh-san, a’ beachdachadh air crìch an caitheamh-beatha:

Agus a bhlais deagh fhacal Dhè, agus cumhachdan an t‑saoghail ri teachd,

O a thoil fhèin ghin e sinn le facal na fìrinn, a‑chum gum bitheamaid nar gnè chiad-toraidh de a chreutairean.

Air dhuibh a bhith air ur n‑ath-ghineamhainn, chan ann o shìol truaillidh, ach neo-thruaillidh, le facal an Dè bheò, agus a mhaireas gu sìorraidh.

Agus bha aige na làimh dheis seachd reultan; agus claidheamh geur dà fhaobhair a’ teachd a‑mach as a bheul: agus bha a ghnùis mar a’ ghrian a’ dealrachadh na làn neart.

Agus as a bheul tha claidheamh geur a’ dol a‑mach, a‑chum gum buaileadh e na cinnich leis; agus riaghlaidh e iad le slait iarainn: agus tha e a’ saltairt fìon-amair fraoch-feirge an Dè uile-chumhachdaich.

Agus mharbhadh a’ chuid eile le claidheamh an Tì a bha na shuidhe air an each, a thàinig a‑mach as a bheul: agus bha an eunlaith uile air an lìonadh lem feòil.

Dèan aithreachas, no thig mi ad ionnsaigh gu grad, agus cogaidh mi nan aghaidh le claidheamh mo bheòil.

Agus marbhaidh mi a clann leis a’ bhàs; agus bidh fhios aig na h‑eaglaisean uile gur mise an Tì sin a sgrùdas na h‑àirnean agus na cridheachan: agus bheir mi do gach aon agaibhse a rèir ur n‑obraichean.

Agus chunnaic mi rìgh-chathraichean, agus shuidh iad orra, agus thugadh breitheanas dhaibh: agus chunnaic mi anaman na muinntir den do chuireadh an cinn airson fianais Iosa, agus facal Dhè, agus nach do rinn adhradh don fhiadh-bheathach, no da ìomhaigh, agus nach do ghabh a chomharradh air clàr an aodainn, no air an làmhan; agus bha iad beò, agus rìoghaich iad maille ri Crìosd rè mìle bliadhna.

Ach rinn Ehud dha fhèin claidheamh, aig an robh dà fhaobhar, làmh-choille air fad; agus cheangail e e fo a aodach, air a shliasaid dheis.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan