Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 4:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dèanamaid dìcheall uime sin air dol a‑steach don t‑suaimhneas sin, air eagal gun tuit aon neach a rèir eisempleir cheudna a’ mhì-chreidimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus o làithean Eòin Baistidh gus a‑nis, tha rìoghachd nèimh a’ fulang ainneirt, agus luchd na h‑ainneirt ga glacadh le làmhachas-làidir.

Imichibh a‑steach air an doras chumhang: oir is farsaing an doras, agus is leathann an t‑slighe a tha a’ treòrachadh a‑chum sgrios, agus is lìonmhor iad a tha a’ dol a‑steach oirre:

Dèanaibh spàirn chruaidh gu dol a‑steach air a’ gheata chumhang: oir tha mi ag ràdh ribh gun iarr mòran dol a‑steach, agus nach urrainn iad.

Bha an lagh agus na fàidhean ann gu teachd Eòin: o sin tha rìoghachd Dhè air a searmonachadh, agus tha gach duine a’ dol le dian strì a‑steach innte.

Dèanaibh saothair chan ann airson a’ bhìdh a theirgeas, ach airson a’ bhìdh a mhaireas a‑chum na beatha shìorraidh, a bheir Mac an Duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t‑Athair.

Uime sin, a rìgh Agripa, cha robh mi eas-umhail don taisbeanadh nèamhaidh:

Anns an do ghluais sibh anns na h‑àmannan a chaidh seachad, a rèir gnàth an t‑saoghail seo, a rèir uachdaran cumhachd an adhair, an spiorad a tha a‑nis ag obrachadh ann an cloinn na h‑eas-ùmhlachd:

Na mealladh neach air bith sibh le briathran dìomhain: oir airson nan nithean sin tha fearg Dhè a’ teachd air cloinn na h‑eas-ùmhlachd.

Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, mar a bha sibh umhail a‑ghnàth, chan ann a‑mhàin am làthair-sa, ach nas ro‑mhò as mo làthair, làn-obraichibh ur slàinte fhèin le eagal agus ball-chrith:

Nithean airson a bheil fearg Dhè a’ teachd air cloinn na h‑eas-ùmhlachd,

Tha iad a’ gabhail orra eòlas a bhith aca air Dia; ach ann an obraichean tha iad ga àicheadh, air dhaibh a bhith gràineil, agus eas-umhail, agus a‑thaobh gach deagh obrach as eugmhais tuigse.

Oir bha sinne fhèin uaireigin eu‑cèillidh, eas-umhail, air seachran, a’ dèanamh seirbhis do iomadh gnè ana-miann agus an‑toilean, a’ caitheamh ar beatha ann am mìorun agus am farmad, fuath-thoillteannach, agus a’ toirt fuath da chèile.

Thugaibh an aire, a bhràithrean, air eagal gum bi ann an aon neach agaibh droch cridhe mì‑chreidimh, ann an trèigsinn an Dè bheò.

Agus cò iad don tug e a mhionnan nach rachadh iad a‑steach da shuaimhneas, ach dhaibhsan nach do chreid?

Do bhrìgh uime sin gun tuigear uaithe seo gun tèid dream àraidh a‑steach ann, agus nach deachaidh an dream, don do shearmonaicheadh e air tùs, a‑steach airson am mì‑chreidimh;

Agus is miann leinn gun dèan gach aon agaibh an dùrachd ceudna a nochdadh, a‑chum làn-dearbhadh an dòchais gus a’ chrìoch:

Agus thill iad gu Iosua, agus thubhairt iad ris, Na rachadh an sluagh uile suas; ach rachadh mu thimcheall dà mhìle, no trì mìle fear suas, agus buaileadh iad Ai: na toir air an t‑sluagh uile saothrachadh an sin; oir chan eil ann dhiubh ach beagan.

Agus a’ tionndadh cathraichean Shòdoim agus Ghomorrah gu luaithre, gun do dhìt e le lèirsgrios iad, gan dèanamh nam ball-sampaill dhaibhsan a bhiodh mì‑dhiadhaidh an dèidh sin;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan