Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 3:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Far an do bhuair ur n‑athraichean mi, agus dhearbh iad mi, agus a chunnaic iad m’obraichean rè dà‑fhichead bliadhna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Nuair a bhuair ur n‑athraichean mi, a dhearbh iad mi, agus a chunnaic iad m’obraichean rè dà‑fhichead bliadhna.

Chunnaic sibh na rinn mi ris na h‑Eiphitich, agus cionnas a ghiùlain mi sibhse mar air sgiathan iolairean, agus a thug mi am ionnsaigh fhèin sibh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chunnaic sibh gun do labhair mi ribh o nèamh.

Fòs thug mi sibhse a‑nìos o thìr na h‑Eiphit, agus stiùir mi sibh tron fhàsach dà‑fhichead bliadhna; a‑chum gun sealbhaicheadh sibh fearann nan Amorach.

Agus bidh ur clann air seachran anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, agus giùlainidh iad ur strìopachais, gus an caithear ur colainnean anns an fhàsach.

Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Imichibh-se agus innsibh do Eòin na nithean a chunnaic agus a chuala sibh; gu bheil na doill a’ faicinn, na bacaich ag imeachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a’ cluinntinn, na mairbh air an dùsgadh, an soisgeul air a shearmonachadh do na bochdan.

Ach chuir Elimas an draoidh (oir is ann mar seo a dh’eadar-theangaichear a ainm) nan aghaidh, ag iarraidh an t‑uachdaran a thionndadh on chreideamh.

Thug esan a‑mach iad an dèidh dha mìorbhailean, agus comharraidhean, a dhèanamh ann an tìr na h‑Eiphit, agus anns a’ mhuir ruaidh, agus anns an fhàsach rè dà‑fhichead bliadhna.

Ach chunnaic ur sùilean-se gnìomharan mòra an Tighearna uile, a rinn e.

Agus thug Maois gairm do Israel uile, agus thubhairt e riu, Chunnaic sibh gach nì a rinn an Tighearna fa chomhair ur sùl ann an tìr na h‑Eiphit, ri Phàraoh, agus ra sheirbhisich uile, agus ra fhearann uile;

Chunnaic ur sùilean ciod a rinn an Tighearna a‑thaobh Bhàal-peoir: oir na daoine sin uile a lean Bàal-peor, sgrios an Tighearna ur Dia iad as ur measg.

A‑mhàin thoir an aire dhut fhèin, agus glèidh d’anam gu dìcheallach, air eagal gun dìochuimhnich thu na nithean sin a chunnaic do shùilean, agus air eagal gun dealaich iad rid chridhe uile làithean do bheatha; ach teagaisg iad dod mhic, agus do mhic do mhac:

Agus cuimhnichidh tu an t‑slighe sin uile air an do threòraich an Tighearna do Dhia thu rè an dà‑fhichead bliadhna seo anns an fhàsach, gud irioslachadh, gud dhearbhadh, a‑chum gum biodh fios ciod a bha ann ad chridhe, an gleidheadh tu a àitheantan, no nach gleidheadh.

Cha do chaitheadh d’aodach dhìot le aois, cha mhò a dh’at do chas rè an dà‑fhichead bliadhna seo.

Agus chunnaic sibh gach nì a rinn an Tighearna ur Dia ris na cinnich sin uile air ur son-se: oir is e an Tighearna ur Dia e fhèin a chog air ur son.

Agus nuair a ghlaodh iad ris an Tighearna, chuir e dorchadas eadar sibhse agus na h‑Eiphitich, agus thug e a’ mhuir orrasan, agus dh’fhalaich e iad; agus chunnaic ur sùilean ciod a rinn mi anns an Eiphit: agus ghabh sibh còmhnaidh anns an fhàsach ùine fhada.

Oir dh’imich clann Israeil anns an fhàsach dà‑fhichead bliadhna, gus an deachaidh as don luchd-cogaidh uile a thàinig a‑mach as an Eiphit, a chionn nach tug iad gèill do ghuth an Tighearna: don do mhionnaich an Tighearna nach nochdadh e dhaibh am fearann, a mhionnaich an Tighearna dan athraichean gun tugadh e dhuinn, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan