Eabhraidhich 3:5Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus gu deimhinn bha Maois dìleas na thaigh-san uile mar sheirbhiseach, a‑chum fianais air na nithean sin a bha gu bhith air an labhairt an dèidh sin; Faic an caibideil |
Gus an toir an Tighearna fois dur bràithrean, mar a thug e dhuibhse, agus gun sealbhaich iadsan mar an ceudna an tìr a tha an Tighearna ur Dia a’ tabhairt dhaibh: an sin tillidh sibh gu tìr ur seilbhe, agus sealbhaichidh sibh i, eadhon an tìr a thug Maois, òglach an Tighearna, dhuibh air an taobh seo de Iòrdan, leth ri èirigh na grèine.
Agus sheas Israel uile, agus an seanairean, agus an luchd-riaghlaidh, agus am britheamhan, air an taobh seo den àirc, agus air an taobh ud, an làthair nan sagart, na Lèbhithich, a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna, an coigreach cho math ris-san a rugadh nam measg; leth dhiubh thall fa chomhair sliabh Gheridsim, agus leth dhiubh thall fa chomhair sliabh Ebail: mar a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, a‑chum sluagh Israeil a bheannachadh air tùs.