Oir mheasadh gum b’airidh an Tì seo air glòir a bu mhò na Maois, a mheud is gu bheil tuilleadh urraim aig an neach a thog an taigh, na aig an taigh fhèin.
Leag làmhan Sherubabeil stèidh an taighe seo; nì a làmhan fòs a chrìochnachadh: agus bidh fhios agaibh gun do chuir Tighearna nan sluagh mise dur n‑ionnsaigh.
Ach ma bha ministrealachd a’ bhàis ann an sgrìobhadh air a ghearradh air clachan, glòrmhor, ionnas nach b’urrainn clann Israeil amharc gu geur air gnùis Mhaois, airson glòir a ghnùise, a chuireadh air cùl;
Ach chì sinn Iosa, a rinneadh rè ùine bhig na b’ìsle na na h‑aingil, a‑chum tre ghràs Dhè gum blaiseadh e bàs airson gach uile dhuine, tre fhulang a’ bhàis air a chrùnadh le glòir agus le urram.
Ach Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe fhèin: agus is sinne a thaigh-san, ma chumas sinn dànachd, agus gàirdeachas an dòchais, gu daingeann gus a’ chrìoch.