Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 3:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A bha dìleas dhàsan a dh’òrdaich e, amhail a bha Maois mar an ceudna na thaigh-san uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Maois a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna dha: mar sin rinn e.

Chan ann mar sin dom sheirbhiseach Maois, a tha fìrinneach ann am thaigh uile.

Ma choimheadas sibh m’àitheantan, fanaidh sibh ann am ghràdh; mar a choimhead mise àitheantan m’Athar, agus a tha mi a’ fantainn na ghràdh.

Ghlòraich mise thusa air thalamh: chrìochnaich mi an obair a thug thu dhomh ra dèanamh.

An tì a labhras uaithe fhèin, tha e ag iarraidh a ghlòire fhèin: ach ge bè a dh’iarras glòir an tì a chuir uaithe e, tha esan fìrinneach, agus chan eil eucoir air bith ann.

Agus tha an tì a chuir uaithe mi maille rium: cha d’fhàg an t‑Athair am aonar mi, do bhrìgh gu bheil mi a’ dèanamh a‑ghnàth nan nithean sin as taitneach leis.

Anns a bheil sibhse mar an ceudna air ur co‑thogail suas a‑chum a bhith nur taigh-còmhnaidh do Dhia tre an Spiorad.

Feuch, theagaisg mi dhuibh reachdan agus breitheanais, eadhon mar a dh’àithn an Tighearna mo Dhia dhomh, a‑chum is gun dèanadh sibhse mar sin anns an fhearann gus a bheil sibh a’ dol ga shealbhachadh.

Agus tha mi a’ toirt buidheachais do Iosa Crìosd ar Tighearna, a neartaich mi, do bhrìgh gun do mheas e mi dìleas, gam chur anns a’ mhinistrealachd;

Ach ma nì mi moille, a‑chum gum bi fhios agad cionnas as còir dhut thu fhèin a ghiùlan ann an taigh Dhè, nì as e eaglais an Dè bheò, post agus stèidh na fìrinn.

Uime sin b’fheumail dha anns na h‑uile nithean a bhith air a dhèanamh cosmhail ra bhràithrean; a‑chum gum biodh e na àrd-shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum rèite a dhèanamh airson peacaidhean an t‑sluaigh:

Agus thubhairt Samuel ris an t‑sluagh, Is e an Tighearna a thog suas Maois agus Aaron, agus a thug ur n‑athraichean a‑nìos à tìr na h‑Eiphit.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan