Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 3:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach cò ris a bha diomb air rè dà‑fhichead bliadhna? Nach ann riùsan a pheacaich, muinntir don do thuit an colainnean anns an fhàsach?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Chuireadh campar orm leis a’ ghinealach ud, agus thubhairt mi, Is sluagh seachranach nan cridhe iad, agus chan aithne dhaibh mo shlighean,

Abair, Mar seo deir an Tighearna, Tuitidh eadhon colainnean dhaoine mar aolach air aghaidh na faiche, agus mar an dlagh an dèidh a’ bhuanaiche nuair nach bi aon neach ann gu a thional.

Oir na daoine sin uile a chunnaic mo ghlòir, agus mo chomharraidhean a rinn mi anns an Eiphit, agus anns an fhàsach, agus a bhuair mi a‑nis na deich uairean seo, agus nach d’èisd rim ghuth;

Abair riu, Cho fìor is a tha mi beò, arsa an Tighearna, mar a labhair sibh am èisdeachd, mar sin nì mi ribh.

Anns an fhàsach seo tuitidh ur colainnean: agus a’ mheud is a chaidh àireamh dhibh, a rèir ur n‑àireimh iomlain, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, a rinn gearan am aghaidh,

Fhuair eadhon na daoine sin, a thug seachad droch sgeul air an fhearann, bàs leis a’ phlàigh an làthair an Tighearna.

Uime sin is àill leam ur cur an cuimhne, ged bha fhios agaibh aon uair air seo, cionnas an dèidh don Tighearna am poball a shaoradh à tìr na h‑Eiphit, a sgrios e an dèidh sin an dream nach do chreid.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan