Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 3:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir rinneadh sinn nar luchd-compàirt de Chrìosd, ma chumas sinn toiseach ar muinghinn gu daingeann gus a’ chrìoch;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus ma tha cuid de na geugan air am briseadh dheth, agus gu bheil thusa, a bha ad chrann-ola fiadhaich, air do shuidheachadh nam measg, agus maille riu a’ faotainn compàirt de fhreumh agus de reamhrachd a’ chroinn-ola;

Feuch uime sin maitheas agus geur-cheartas Dhè: geur-cheartas dan taobh-san a thuit; ach dod thaobh-sa, maitheas, ma bhuanaicheas tu na mhaitheas; agus mura buanaich, gearrar dheth thusa mar an ceudna.

Ach uaithesan tha sibhse ann an Iosa Crìosd, neach a rinneadh dhuinne le Dia na ghliocas, na fhìreantachd, na naomhachadh, agus na shaorsa:

Oir ged tha sinne nar mòran, is aon aran agus aon chorp sinn: oir tha againn uile compàirt den aon aran.

Agus seo tha mi a’ dèanamh airson an t‑soisgeil, a‑chum gum bi mi am fhear co‑roinne dheth.

Gum biodh na Cinnich nan co‑oighreachan, agus nan co‑chorp, agus nan luchd-compàirt de a ghealladh-san ann an Crìosd, tre an t‑soisgeul:

Gu cinnteach chan fhaic a h‑aon de dhaoine a’ ghinealaich uile seo am fearann math sin, a mhionnaich mise gun tugainn dur n‑athraichean;

Agus iadsan aig a bheil maighistirean creidmheach, na dèanadh iad tarcais orra, airson gur bràithrean iad: ach gum b’fheàrr leo seirbhis a dhèanamh dhaibh, do bhrìgh gu bheil iad creidmheach agus ionmhainn, nan luchd-compàirt de thìodhlac a’ ghràis. Na nithean seo teagaisg agus earailich.

A‑nis is e creideamh brìgh nan nithean rim bheil dòchas, dearbh-chinnte nan nithean nach faicear.

Oir gu deimhinn smachdaich iadsan sinn rè beagan làithean a rèir an toile fhèin; ach esan a‑chum ar leas, ionnas gum bitheamaid nar luchd-compàirt de a naomhachd.

Uime sin, a bhràithrean naomha, a tha nur luchd-compàirt den ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near Iosa Crìosd, Abstol agus Àrd-shagart ar n‑aidmheil;

Ach Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe fhèin: agus is sinne a thaigh-san, ma chumas sinn dànachd, agus gàirdeachas an dòchais, gu daingeann gus a’ chrìoch.

Agus is miann leinn gun dèan gach aon agaibh an dùrachd ceudna a nochdadh, a‑chum làn-dearbhadh an dòchais gus a’ chrìoch:

Oir is eu‑comasach an dream sin a chaidh aon uair a shoillseachadh, agus a bhlais an tìodhlac nèamhaidh, agus a rinneadh nan luchd-compàirt den Spiorad Naomh,

Ach do bhrìgh gu bheil sibh nur luchd-compàirt de fhulangasan Chrìosd, dèanaibh gàirdeachas; a‑chum mar an ceudna, ann an àm foillseachadh a ghlòire, gun dèan sibh gàirdeachas le aoibhneas ro‑mhòr.

Na seanairean a tha nur measg tha mi ag earalachadh, air a bhith dhomh fhèin am sheanair mar an ceudna, agus am fhianais air fulangasan Chrìosd, agus mar an ceudna am fhear-compàirt den ghlòir sin, a tha gu bhith air a foillseachadh:

An nì a chunnaic agus a chuala sinn tha sinn a’ cur an cèill dhuibhse, a‑chum gum bi agaibhse mar an ceudna comann rinne: agus gu fìrinneach tha ar comann-ne ris an Athair, agus ra Mhac Iosa Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan