Agus dh’fhairich an Tighearna fàile cùbhraidh, agus thubhairt an Tighearna na chridhe, Cha mhallaich mi a‑rìs an talamh nas mò airson an duine; oir tha smuaintean cridhe an duine olc o a òige; cha mhò a sgriosas mi tuilleadh gach nì beò, mar a rinn mi.
Le peacachadh agus le breugan an aghaidh an Tighearna, agus le tilleadh air falbh o ar Dia; le ainneart a labhairt agus le ceannairc a dhealbhadh; agus le briathran breugach aithris on chridhe.
Gidheadh cha tug iadsan gèill, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach ghluais iad gach aon a rèir crosdachd a dhroch chridhe fhèin: uime sin bheir mise orra uile bhriathran a’ choicheangail seo, a dh’àithn mi dhaibh a dhèanamh, ach nach do rinn iad.
Agus gun do rinn sibhse nas miosa na ur n‑athraichean; oir feuch, tha sibh ag imeachd, gach aon a rèir ais-innleachd a dhroch chridhe fhèin, gun ghèill a thoirt dhòmhsa.
Mar seo deir an Tighearna, Is mallaichte an neach a chuireas a dhòchas ann an duine, agus a nì feòil na gàirdean dha, agus aig a bheil cridhe a tha a’ claonadh air falbh on Tighearna:
Oir chuir mo shluagh-sa dà olc an gnìomh: thrèig iad mise, tobar nan uisgeachan beò; agus chladhaich iad a‑mach dhaibh fhèin sluic, sluic eu‑dionach, nach cùm uisge.
Anns an àm sin theirear ri Ierusalem rìgh-chathair an Tighearna; agus bidh tathaich nan uile chinneach da h‑ionnsaigh, air sgàth ainm an Tighearna a bhios ann an Ierusalem: agus cha ghluais iad nas mò a rèir cruas an droch chridhe fhèin.
Ach cha d’èisd iad, cha mhò a dh’aom iad an cluas, ach ghluais iad ann an comhairlean ais-innleachdach an droch chridhe fhèin, agus chaidh iad air an ais, agus chan ann air an aghaidh.
Toiseach facal an Tighearna le Hosèa. Agus thubhairt an Tighearna ri Hosèa, Imich gabh ad ionnsaigh bean strìopachais, agus clann strìopachais; oir rinn am fearann strìopachas mòr ann an dealachadh ris an Tighearna.
Ach thugaibh an aire dhuibh fhèin; oir bheir iad thairis sibh do chomhairlean: agus anns na sionagogan sgiùrsar sibh, agus cuirear sibh an làthair uachdaran agus rìghrean air mo shon-sa, mar fhianais dhaibhsan.
Agus thubhairt esan, Feuchaibh nach meallar sibh; oir thig mòran ann am ainm-sa, ag ràdh, Is mise Crìosd; agus, Tha an t‑àm am fagas; uime sin na leanaibh iad.
Thugaibh an aire nach dèan neach air bith fòirneart oirbh tre fheallsanachd agus mealltaireachd dhìomhain, a rèir beul-aithris dhaoine, a rèir ciad-thoiseachan an t‑saoghail, agus chan ann a rèir Chrìosd:
Oir tha iad fhèin a’ foillseachadh mar timcheall-ne ciod a’ ghnè dol a‑steach a bha againn dur n‑ionnsaigh-se, agus cionnas a thill sibh a‑chum Dhè o iodhalan, a dhèanamh seirbhis don Dia bheò agus fhìor,
A’ toirt an ro‑aire, air eagal gun tig neach sam bith a dhèidh-làimh air gràs Dhè; air eagal air fàs suas do fhreumh seirbhe sam bith, gun cuir e dragh oirbh, agus le seo gum bi mòran air an salachadh:
Thugaibh an aire nach diùlt sibh esan a tha a’ labhairt: oir mura deachaidh iadsan as a dhiùlt an tì a labhair o Dhia riu air thalamh, is lugha gu mòr na sin a thèid sinne as, ma thionndaidheas sinn air falbh uaithe-san a tha a’ labhairt o nèamh:
Uime sin bha diomb orm ris a’ ghinealach sin, agus thubhairt mi, Tha iad a‑ghnàth air seachran nan cridhe; agus cha do ghabh iad eòlas air mo shlighean-sa.
Cia mòr as mò a nì fuil Chrìosd, a thug e fhèin suas tre an Spiorad shìorraidh gun lochd do Dhia, ur cogais-se a ghlanadh o obraichean marbha a‑chum seirbhis a dhèanamh don Dia bheò?