(A‑nis bha na h‑Amalecich agus na Canàanaich nan còmhnaidh anns a’ ghleann.) A‑màireach tillibh, agus rachaibh don fhàsach, air slighe na mara ruaidhe.
Thubhairt mise an Tighearna e agus gu cinnteach nì mi e don cho-chruinneachadh olc seo uile, a chruinnich am aghaidh: anns an fhàsach seo claoidhear iad, agus an sin gheibh iad bàs.
Agus b’i an ùine anns an tàinig sinn o Chadeis-barnea, gus an deachaidh sinn thar sruth Shereid, ochd-bliadhna-deug ar fhichead; gus an robh ginealach an t‑sluaigh-chogaidh uile air an caitheamh a‑mach o mheasg an t‑slòigh, mar a mhionnaich an Tighearna dhaibh.
Oir tha sinne a chreid a’ dol a‑steach do shuaimhneas, amhail a thubhairt e, Mar a thug mi mo mhionnan am fheirg, nach tèid iad a‑steach dom shuaimhneas: ged bha na h‑obraichean crìochnaichte o thoiseach an t‑saoghail.