Uime sin bha diomb orm ris a’ ghinealach sin, agus thubhairt mi, Tha iad a‑ghnàth air seachran nan cridhe; agus cha do ghabh iad eòlas air mo shlighean-sa.
Agus nach biodh iad mar an athraichean, nan ginealach reasgach agus ceannairceach, ginealach nach do shuidhich an cridhe gu ceart, agus nach robh an spiorad tairis do Dhia.
Ach chaidh iadsan fòs a thaobh le fìon, agus le dibh làidir chaidh iad air seachran; chaidh an sagart agus am fàidh a thaobh le dibh làidir, shluigeadh suas iad le fìon, chaidh iad air seachran le dibh làidir; chaidh iad am mearachd ann an sealladh, thuislich iad ann am breitheanas.
Gu cinnteach tha mo shluagh-sa amaideach, ormsa cha do ghabh iad eòlas; is clann aig nach eil tuigse iad, agus tha iad air dhìobhail cèille: tha iad seòlta a dhèanamh uilc, ach math a dhèanamh chan aithne dhaibh.
Tha mo shluagh-sa ag iarraidh comhairle air an croinn, agus tha an lorg a’ dèanamh foillseachaidh dhaibh: oir thug spiorad an strìopachais orra dol air seachran, agus chaidh iad le strìopachas air falbh on Dia.
Agus nuair a dh’amhairc e mun cuairt orra le feirg, air dha a bhith duilich airson cruas an cridhe, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus shìn e a‑mach i; agus rinneadh slàn i mar an làmh eile.
Agus chuir iad air falbh na diathan coimheach as am measg, agus rinn iad seirbhis don Tighearna: agus bha doilgheas air a anam airson truaighe Israeil.