Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 2:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chuir thu na h‑uile nithean sìos fo a chasan. Oir ann an cur nan uile nithean fodha dha, cha d’fhàg e nì air bith gun chur fodha. Ach a‑nis chan eil sinn a’ faicinn nan uile nithean fhathast air an cur fo a cheannsal:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Gidheadh dh’ung mise mo Rìgh air Sion, mo shliabh naomh-sa.

Thug thu uachdaranachd dha air obraichean do làmh; chuir thu gach nì fo a chasan;

Agus thugadh dha uachdaranachd, agus glòir, agus rìoghachd, a‑chum gun tugadh na h‑uile shlòigh, chinnich agus theangannan seirbhis dha: a uachdaranachd is uachdaranachd shìorraidh i, nach siubhail thairis, agus a rìoghachd cha sgriosar i.

Agus thàinig Iosa, agus labhair e riu, ag ràdh, Thugadh dhòmhsa gach uile chumhachd air nèamh agus air talamh.

Air do fhios a bhith aig Iosa gun tug an t‑Athair na h‑uile nithean na làmhan, agus gur ann o Dhia a thàinig e, agus gur ann a dh’ionnsaigh Dhè a bha e a’ dol;

Is toigh leis an Athair am Mac, agus thug e na h‑uile nithean na làimh.

Oir chuir e na h‑uile nithean fo a chasan. Ach nuair a tha e ag ràdh gun do chuir e na h‑uile nithean fodha, is nì follaiseach gu bheil esan a chuir na h‑uile nithean fodha, an leth a‑muigh dheth seo.

Ach cò de na h‑ainglean ris an dubhairt e uair air bith, Suidh air mo dheaslàimh, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl-chas fod chasan?

Labhair e anns na làithean deireannach seo rinne le a Mhac, a dh’òrdaich e na oighre air na h‑uile nithean, tre an do chruthaich e fòs na saoghail;

Oir cha do chuir e fo cheannsal nan aingeal an saoghal ri teachd, mum bheil sinn a’ labhairt.

Neach air dha dol do nèamh, a tha air deaslàimh Dhè, air do ainglean, agus do uachdaranachdan, agus do chumhachdan a bhith air an cur fo a cheannsal.

Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis agam.

Agus o Iosa Crìosd, an fhianais fhìor, an ciad-ghin o na mairbh, agus uachdaran rìghrean na talmhainn: dhàsan a ghràdhaich sinn, agus a dh’ionnlaid sinn o ar peacaidhean na fhuil fhèin,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan