Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eabhraidhich 2:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach rinn neach fianais ann an ionad àraidh, ag ràdh, Ciod e an duine gun cuimhnicheadh tu air? No mac an duine gum fiosraicheadh tu e?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Tha mise a’ faighinn a’ bhàis, ach amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus bheir e a‑mach sibh as an fhearann seo, don fhearann a mhionnaich e do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob.

Cò e an duine, gum biodh e glan? Agus gun saoradh esan e fhèin, a rugadh o mhnaoi?

Cia as ro‑lugha na sin an duine a tha na chnuimh; agus mac an duine a tha na chnuimh?

A Thighearna, ciod e an duine gu bheil thu a’ gabhail eòlais air, mac an duine gu bheil meas agad air?

Tha na cinnich uile mar neoni na làthair-san; tha iad air am meas leis mar fhìor neoni agus dìomhanas.

Is mise, eadhon mise, an tì a bheir dhuibh comhfhurtachd; cò thusa gum biodh eagal ort ro dhuine a gheibh bàs, agus ro mhac an duine a nìthear mar am feur?

Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, airson gun d’fhiosraich e agus gun tug e saorsa da phoball,

Tro thròcair ro‑mhòr ar Dè‑ne, leis an d’fhiosraich an ùr‑mhadainn on ionad as àirde sinn,

Agus ghlac eagal iad uile: agus thug iad glòir do Dhia, ag ràdh, Dh’èirich fàidh mòr nar measg-ne; agus, Dh’amhairc Dia air a shluagh fhèin.

Gun neach air bith a dhèanamh eucoir no mealltaireachd anns a’ chùis air a bhràthair; do bhrìgh gur e an Tighearna a nì dìoghaltas air an uile leithidean sin, a rèir mar a dh’innis sinn mar an ceudna dhuibh roimhe, agus a rinn sinn fianais.

Oir labhair e ann an ionad àraidh mun t‑seachdamh là air an dòigh seo, Agus ghabh Dia fois air an t‑seachdamh là o a obraichean uile.

A rèir mar a tha e ag ràdh mar an ceudna ann an ionad eile, Is sagart thu gu sìorraidh a rèir òrdagh Mhelchisedeic.

A’ rannsachadh ciod i, no ciod a’ ghnè aimsir a bha Spiorad Chrìosd anntasan a’ foillseachadh, nuair a rinn e fianais ro‑làimh air fulangasan Chrìosd, agus a’ ghlòir a bha gu an leantainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan