Air a bhith do Dhia a’ dèanamh co‑fhianais leo, araon le comharraidhean agus le iongantasan, agus le feartan eugsamhail, agus le tìodhlacan an Spioraid Naoimh, a rèir a thoile fhèin?
Agus tha uile luchd-àiteachaidh na talmhainn air am meas mar neoni: agus nì esan mar as àill leis ann am feachd nèimh, agus am measg luchd-àiteachaidh na talmhainn: agus chan urrainn aon neach a làmh a bhacadh, no a ràdh ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh?
Agus air dhaibhsan dol a‑mach, shearmonaich iad anns gach àit, air a bhith don Tighearna a’ co‑obrachadh leo, agus a’ daingneachadh an fhacail leis na comharraidhean a lean e. Amen.
Agus chuala Herod an rìgh uime, oir chaidh ainm am follais; agus thubhairt e, Tha Eòin Baistidh air èirigh o na mairbh, agus uime sin tha feartan air an obrachadh leis.
Ach nuair a thig an Comhfhurtair, a chuireas mise dur n‑ionnsaigh on Athair, Spiorad na fìrinn, a tha a’ teachd a‑mach on Athair, nì esan fianais mum thimcheall-sa.
Uime sin dh’fhan iad aimsir fhada a’ labhairt gu dàn mu thimcheall an Tighearna, a rinn fianais do fhacal a ghràis, agus a thug fa‑near comharraidhean agus mìorbhailean a bhith air an dèanamh len làmhan-san.
Biodh e aithnichte dhuibhse uile, agus do phoball Israeil uile, gur ann tre ainm Iosa Crìosd o Nàsaret, a cheus sibhse, a thog Dia o na mairbh, eadhon trìdsan a tha an duine seo na sheasamh an seo nur làthair-se slàn.
Oir is eu‑comasach an dream sin a chaidh aon uair a shoillseachadh, agus a bhlais an tìodhlac nèamhaidh, agus a rinneadh nan luchd-compàirt den Spiorad Naomh,